Feum air Brà

Do thidsearan agus pàrantan mun phrògram

Tidsearan & Pàrantan

Gabhaidh am prògram seo a chleachdadh le pàrantan no le tidsearan airson còmhradh a thòiseachadh mu atharraichidhean a thig air bodhaig ri linn inbhidheachd. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/ceisteanlara.

This episode can be used by parents or by teachers as a starting point to introduce discussion about general physical development during puberty. Further information is available at bbc.co.uk/ceisteanlara.

Mun a' phrògraim seo

Tha Lara a’ faireachdainn mì-chofhurtail nuair a tha i a’ ruith ann an rèis san sgoil. Tha Akira a’ tuigsinn gu bheil an t-àm aig Lara brà ùr fhaighinn, rud a bha Lara air a bhith a’ cur dheth. Tha a’ chlann-nighean a’ dol dhan bhùth airson faighinn a-mach dè seòrsa brà a fhreagradh air Lara.

Lara feels uncomfortable during the school relay race and Akira realises that it's time that Lara got a new bra, something she had been putting off. The girls go on a shopping trip to discover what the options are.

Anns a’ Chlas

Faodar am prògram a chleachdadh airson còmhradh a thòiseachadh mu atharraichidhean a thig air bodhaig ri linn inbhidheachd. Tha e air a chruthachadh airson a bhith freagarrach do bhuidheann cho farsaing sa ghabhas. Bidh e feumail cuideachd mar innleachd airson measadh a dhèanamh air an ìre fiosrachaidh a tha aig clas measgaichte de ghillean is nigheanan a thaobh nan atharraichean a thig air bodhaig ri linn inbhidheachd. Tha an earrainn far a bheil gillean a’ bruidhinn air mar a bhios brà air clann-nighean feumail airson còmhradh a thòiseachadh mu bheachdan agus spèis. Tha barrachd cuideam air a chur air faireachdainnean seach air atharraichean corporra ann a bhith fàs suas. Tha na facail cìoch agus cìochan air an cleachdadh grunn thursan nuair a tha a’ chlann-nighean a’ bruidhinn air na h-atharraichean agus air an t-suidheachadh.

CfE: Slàinte agus Sunnd - Eòlasan & Builean: