Do thidsearan agus pàrantan mun phrògram

Tidsearan & Pàrantan

Gabhaidh am prògram seo a chleachdadh le pàrantan no le tidsearan mar thoiseach-tòiseachaidh airson còmhradh mu dhàimhean eadar daoine gèidh agus airson bruidhinn mu ghnàth-ìomhaighean. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/ceisteanlara.

This episode can be used to approach discussions about same-sex relationships, homophobia and stereotypes. Further information is available at bbc.co.uk/ceisteanlara.

Mun a' phrògraim seo

Tha nòisean aig Monica do Mhàrtainn, fear-frithealaidh ann an ionad-bìdh na sgoile. Nuair a tha e cuideachail, tha i a’ smaoineachadh gu bheil sin a’ ciallachadh rudeigin eile. Ach nuair a tha i a’ faighinn a-mach gu bheil Màrtainn gèidh, tha i troimh-a-chèile. Gu fortanach, tha a caraidean ann airson a cuideachadh a’ dèiligeadh ri a faireachdainnean.

Monica has a crush on Martin, the older waiter in the school canteen and misreads his helpfulness for something more. When she discovers that Martin is gay, she is distraught. Luckily her friends are there to help her work through her mixed feelings.

Anns a’ Chlas

Faodar am prògram seo a chleachdadh mar thoiseach-tòiseachaidh airson còmhradh mu dhàimhean eadar daoine gèidh. Bidh na h-earrainnean far a bheil na gillean a’ bruidhinn mu bhith an aghaidh daoine gèidh, agus an earrainn far a bheil Monica ag ràdh nach eil Màrtainn “a’ coimhead gèidh” feumail airson deasbad, chan ann a-mhàin mu bhith an aghaidh daoine gèidh, ach cuideachd mu ghnàth-ìomhaighean. Tha na meadhanan tric a’ toirt dealbh sònraichte air nigheanan agus air balaich agus cuidichidh am prògram seo ann a bhith a’ dearbhadh nach ann mar seo a bu chòir dhan h-uile balach agus nighean iad fhèin a ghiulain.

Bidh e cuideachd feumail sgrùdadh a dhèanamh air pàirt Monica sa sgeulachd airson bruidhinn mu na faireachdainnean aice, nam measg gun deach a diùltadh - rud tha a’ buntainn ris a h-uile càirdeas - agus mar a ghabhas dèiligeadh ri na faireachdainnean sin, le tuigse gu bheil cuid a dhàimhean ann nach bi maireannach agus nach e coire duine a th’ ann.

‘S dòcha gum bi e feumail an earrainn seo a chleachdadh còmhla ri Cothromachd, a tha cuideachd mu dheidhinn dàimhean gèidh. Bu chòir do thidsearan comhairle a ghabhail a thaobh poileasaidh na sgoile air Slàinte agus Sunnd, agus gu sònraichte air Dàimhean, Slàinte-ghnèitheasach agus Pàrantachd airson freagarrachd a’ phrògram a dhearbhadh agus airson faighinn a-mach a bheil cead phàrantan a dhìth.

CfE: Slàinte agus Sunnd - Eòlasan & Builean: