Airson 'Òran Ùr Gàidhlig Rapal' a chuir air bhog bha sgioba Rapal ann am Pacific Quay ann an Glaschu a' craoladh prògram beò.

Seo an t-òran a bhuannaich ann an 2010 - An Gairm le Dòl Eòin MacFhionghain.

Tha sgioba Rapal a' lorg òrain Ghàidhlig ùr.

Cò ma tha a shoirbhicheas le Òran Ùr Gàidhlig Rapal 2012!?

Ma dh'fhaodte gur tu fhèin a bhios ann!

Thèid an t-òran as fheàrr a thaghadh le sgioba Rapal le taic bho Dhòl Eòin MacFhionghuinn agus thèid a chlàradh ann a studio Rapal agus a chraoladh anns an t-sreath ùr Rapal TBh.

Feumaidh na h-òrain a bhith air an clàradh gu h-iomlan - le faclan sgrìobhte agus ceòl - air CD, no mp3 no teip.

Tha agaibh gu Dihaoine 14 An t-Sultain 2012 na h-òrain fhaighinn a-steach.

Leig fios gu:

rapal@bbc.co.uk

no sgrìobh gu:

Rapal

BBC Radio nan Gàidheal

52 Sràid na h-Eaglaise

Steòrnabhagh

Leòdhas

HS1 2LS

Airson barrachd fiosrachaidh no ma tha ceistean sam bith agaibh cuir fòn air

01851 70 5000

Tha na riaghailtean agus stiùireadh ri leughadh gu h-ìosal.

Na Riaghailtean

1. Tha “Oran Ùr Gàidhlig Rapal” fosgailte dhan a h-uile duine ann am Breatainn (a' gabhail a-steach Eileanan a' Chaolais Shasannaich agus Eilean Mhanainn). Feumar cead pàrant a bhith aig neach sam bith fo aois 16 a tha airson pàirt a ghabhail agus ma dh’fhaodte gun tèid dearbhadh iarraidh air a’ chead sin. Chan eil e ceadaichte dha luchd-obrach a’ BhBC no an cuid theaghlaichean pàirt a ghabhail as an “Oran Ùr.

2. Feumaidh na h-òrain a bhith a-staigh ro mheadhan-là Dihaoine an 14 den t-Sultain 2012 agus cha ghabhar òran sam bith as dèidh sin.

3. Faodar na h-òrain a chuir thugainn an dà chuid tron a’ phost no air post-dealan gu na seòlaidhean a leanas:

BBC Radio nan Gàidheal

52 Sràid na h-Eaglaise

Steòrnabhagh

Leòdhas

HS1 2LS

rapal@bbc.co.uk

4. Feumaidh sibh ainm, seòladh agus àireamh fòn a chuir an cois an òrain. Feumaidh fonn a bhith na chois cuideachd. Feumaidh faclan an òrain a bhith sa Ghàidhlig agus feumaidh iad a bhith sgrìobhte ann an làmh-sgrìobhaidh no air coimpiutair. Bu chòir dhan òran gu h-iomlan a bhith air a sheinn leis an fhonn agus air a’ chlàradh air teip, CD no MP3. Faodar taic chiùil a bhith na chois cuideachd. Ma tha barrachd air aon neach air a bhith an sàs ann a bhith a’ cruthachadh an fhuinn no na faclan feumaidh na h-ainmean, seòlaidhean agus aireamhan fòn acasan a bhith na chois cuideachd. Feumar cead fhaighinn bhon h-uile neach a tha an lùib an òrain a chruthachadh m.e seinneadair, sgrìobhadair, neach-ciùil. A-rithist ma tha duine dhiubh sin fo aois 16 feumar cead pàrant a bhith agaibh.

5. Chan fhaod sibh ach an obair agaibh fhèin a chuir a-steach agus feumaidh sibh cuideachd dearbhadh nach eil an t-òran a’ briseadh laghan dlighe-sgrìobhaidh sam bith no na còirichean aig duine sam bith eile. Tha am BBC a’gleidheadh chòirichean coire a chuir air neach sam bi airson call an lùib briseadh chòirichean a dh' fhaodadh èirigh. Tha e ceadaichte dha na thogras sibh do dh’orain a chuir a-steach ach cha sgrùdair ach dà òran bho gach neach aig ìre a’ phanal.

6. Bheir am panal breith air gach òran a-rèir nòs ùr, ùr chruthachaidh, facail agus fonn. Cha tèid breith a’ dhèanamh air ìre lìbhrigidh an òrain.

7. 'S e sgioba riochdachaidh Rapal Radio agus TBh còmhla ri Dòl Eòin MacFhionnghain (sgrìobhadair orain, neach ciùil proifeisanta agus Sgrìobhadair Òran Ùr Rapal 2010) a bhios air a’ phanal. Èistidh am panal ris na h-òrain air fad airson gearr-liosta a’ dheanamh agus thèid aon òran a-mach asta sin air adhart. Ma se 's gu bheil dà òran co-ionnan tha cead aig a’ chathraiche an cò-dhùnadh mu dheireadh a dhèanamh.

8. ‘S ann aig a’ phanal a tha am breith-dheireanach agus cha ghabhar ri conaltradh sam bith eile mu dheidhinn. Tha cead aig a BhBC buill a’ phanal atharrachadh mar a chì iad iomchaidh. Mar dhuais thèid an t-òran a shoirbhicheas a chlàradh ann an studio TBh air beulaibh luchd-èisteachd. Thèid sin an uairsinn a chraoladh air BBC Alba mar phàirt den t-sreath Rapal TBh. Chan fhaodar airgead a thabhainn an àite an duais. Mur eil an neach sam bith deònach seinn faodaidh e no i taic a thoirt do sgioba BBC Rapal seinneadair no luchd-ciùil freagarrach fhaighinn ach ‘s ann aig a Bhbc a bhios am facal ma dheireadh ann a bhith gan taghadh. Thèid sùim airgid chothromach a’ phaigheadh dha na cluicheadairean a thèid a thaghadh.

9. Feumaidh sibh aontachadh pàirt a ghabhail ann an sanasachd sam bith air am bidh feum.

10. Feumaidh sibh a h-uile còir a th’ann a thoirt dhan BhBC (airson gach meadhon a tha’s a’ cleachdadh an dràsta no meadhan as ùr a dh’fhaodadh a bhith ann san àm ri teachd).

11. Bidh còirichean gun chrìoch gan toirt dhan a BhBC airson airson gearradh, leth-bhreac, cur ris no toirt as, atharrachadh agus eadar-theangachadh mar bhios a dhìth. Bheir an neach/ còmhlan a bhuannaicheas seachad coirichean “moralta” sam bith a dh’fhaodadh a bhith aca fo uachdranas laghail sam bi.

12. Tha gach tabhartas cuideachd a cùnntadh gach rud a nì sibh airson prògram Rapal Tbh agus prògram rèidio Rapal - nam measg seinn agus cluich an òrain fhèin ( a’ gabhail a-steach ro dheisealachadh), faclan, fonn, agus clàradh sam bith eile – fuaim no bhidio.

13. Tha cead aig a' BhBC: (i) “Oran Ùr Rapal” a chuir dheth no atharrachadh, (ii) eileamaidan sam bith atharrachadh (iii) bacadh a chuir air duine sam bith a tha briseadh na riaghailtean no ri foill, maireachdainn as an fharpais.

14. Cha chleachd am BBC fiosrachadh pearsanta ach airson “Oran Ùr Rapal” a’ ruith agus cha tèid fiosrachadh fhoillseachadh no thoirt do dhuine sam bith eile gun chead. Faodar barrachd a leughadh mun BBC Privacy Policy on: http://www.bbc.co.uk/privacy/ an seo.

15. 'S e laghan na h-Alba a tha iomchaidh.

16. Thathar air gabhail ris gu bheil duine aig a bheil pàirt ann an "Òran Ùr Rapal" air na riaghailtean a leughadh agus gu bheil gach duine aca ag aontachadh a bhith a' gabhail ris na riaghailtean sin.