Cò an gaisgeach gun urram a tha airidh air aithne?

Cò an gaisgeach gun urram a tha airidh air aithne? Leis na tha air a bhith ann de spòrs air a' bhliadhna seo, tha am BBC air duais BBC Sports Personality Unsung Hero a chur air bhog gus an fheadhainn a tha ag obair air cùlaibh ghnothaichean a chomharrachadh.

Tha obair saor-thoileach air a bhith follaiseach tron Rìoghachd Aonaichte tro 2012 le na mìlltean de dhaoine ag obair gu saor-thoileach aig Na Geamannan Oilimpigeach agus Paralimpigeach. Ri linn na rinn iad, thàinig iad gu aire an t-sluaigh agus chaidh prosbaig a chur air an obair mhìorbhaileach a thathas a' dèanamh gu saor-thoileach air feadh na dùthcha le daoine a' toirt seachad an dà chuid ùine agus saothair.

Bho 2003 tha am BBC air aithne a thoirt do dhaoine a bhios air cùl ghnothaichean, le na tagraidhean air an taghadh leis a' phobaill. A-nise, leis an duais air a bhith a' ruith 10 bliadhna, thèid duais Unsung Hero a thoirt do chuideigin a tha dol ceum nas fhaide airson spòrs ionadail a leasachadh.

Ma tha sibhse eòlach air coidse, air rianadair, no air cuideigin a tha a' coimhead às dèidh no a’ ruith cluba gu saor-thoileach gun bhuannachd sam bith ach a bhith a’ faicinn spòrs a' dol bho neart gu neart ann an coimhearsnachdan air feadh na Rìoghachd Aonaichte, faodar an ainm a chur air adhart.

Faodar foirm a thoirt a-nuas, a lìonadh agus a chur thugainn air post-dealain no tron phost air an làrach seo - bbc.co.uk/sport/0/sports-personality/14678879