Do thidsearan agus pàrantan mun phrògram

Tidsearan & Pàrantan

Gabhaidh am prògram seo a chleachdadh le pàrantan no le tidsearan airson còmhradh a thòiseachadh mu atharraichidhean a thig air bodhaig ri linn inbhidheachd. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/ceisteanlara.

This episode can be used by parents or by teachers as a starting point to introduce discussion about Premenstrual Syndrome. Further information is available at bbc.co.uk/ceisteanlara.



Mun a' phrògraim seo

Tha pàrtaidh do nigheanan a-mhàin gu bhith aig Monica, Lara agus Akira ach tha na gillean a’ briseadh a-staigh air. Chan eil Akira ann an sunnd. Tha i greannach agus tha i a’ cur Gabriel troimhe-a-chèile le bhith mì-mhodhail ris. Tha a’ chlann-nighean den bheachd gu bheil PMS oirre agus gur e sin a tha air cùl ghnothaichean.

Monica, Lara and Akira have a girly party which the boys decide to crash. Akira is not her usual self - she's grumpy and rude to Gabriel, which upsets him. The girls suggest to Akira that she might have PMS and this could explain her mood swings.

Anns a’ Chlas



Faodaidh am prògram seo a bhith air a chleachdadh airson còmhradh a thòiseachadh mu Premenstrual Syndrome (PMS). Tha e air a chruthachadh airson a bhith freagarrach do bhuidheann cho farsaing sa ghabhas. Faodaidh e bhith feumail cuideachd airson measadh a dhèanamh air an ìre fiosrachaidh mu shileadh-mìos agus PMS a tha aig gillean agus nigheanan san aon chlas measgaichte. Bhiodh e feumail nam biodh fiosrachadh bunaiteach aig an luchd-amharc mu dè th’ ann an sileadh-mìos agus PMS oir chan eil an sgeulachd a’ soilleireachadh nan adhbharan bith-eòlasach air an son.

Coltach ris na prògraman eile, tha barrachd cuideam air a chur air na faireachdainnean a tha tighinn an cois inbhidheachd agus fàs suas. Faodaidh e bhith feumail a chleachdadh còmhla ri Thòisich e!, prògram a tha a’ coimhead ri sileadh-mìos agus na faireachdainnean measgaichte a dh’fhaodas a bhith na chois. Anns an sgeulachd cuideachd tha Gabriel a’ fulang le nàire agus rudhadh a tha tighinn gun iarraidh air a ghruaidhean, agus faodar seo a chleachdadh airson còmhradh mu fèin-mhisneachd a bhrosnachadh.

 Bu chòir do thidsearan comhairle a ghabhail a thaobh poileasaidh na sgoile air Slàinte agus Sunnd agus gu sònraichte Dàimhean, Slàinte-ghnèitheasach agus Parantachd airson freagarrachd a’ phrògram a dhearbhadh agus airson faighinn a-mach a bheil cead phàrantan a dhìth.

CfE: Slàinte agus Sunnd - Eòlasan & Builean: