Sgoilearan Èirisgeigh air lorg fhaighinn air an SS Cabinet Minister
Tha pìosan ealain a tha stèidhichte air leabhraichean air am fàgail ann an àiteachan air feadh na dùthcha mar phàirt de Sheachdain Leabhraichean na h-Alba.
Chaidh sealladh de bhriseadh an SS Cabinet Minister, air a dhèanamh ann am pàipear, a lorg ann an Èirisgeigh.
Chaidh an obair ealain a dhèanamh, gun urra, mar phàirt de Sheachdain Leabhraichean na h-Alba. Chaidh pìosan ealain eile fhàgail ann an àiteachan eile air feadh Alba.
Lean sgoilearan aig Bun-sgoil Èirisgeigh sreath de chomharran, a thug chun an leabhair iad.
Chaidh an leabhar ainmeil, Whisky Galore, a sgrìobh Compton MacCoinnich, a stèidheachadh air mar a chaidh an SS Politician air na creagan far Èirisgeigh ann an 1941, le luchd mòr de dh'uisge-beatha air bòrd - 250,000 botal.
'S e an SS Cabinet Minister an t-ainm a chuir MacCoinnich air a' Pholitician anns na leabhar aige, a bha stèidhichte air Eilean Thodaigh.
Rinn Ealing Studios film ainmeil den leabhar, a chaidh a chlàradh ann am Barraigh.
Thuirt tidsear na sgoile, Katy NicDhòmhnaill: "Bha spòrs mhòr agam fhèin 's aig a' chloinn 's sinn a' leantainn an t-sreath de chomharran, a thug sinn mu dheireadh chun an obair ealain àlainn seo.
"'S aithne dhuinn uile sgeulachd Whisky Galore, agus tha e a' còrdadh rinn gu mòr."
Chuir na comharran clann-sgoile an eilein mu na taighean dha-rìribh, gan toirt bhon alt-aiseig, gu bùth a' bhaile, agus mu dheireadh - càite eile - gu bàr a' Pholitician, far am faca iad an leabhar air bòrd.
~RS~q~RS~~RS~z~RS~04~RS~)

No murder weapon found in Liam probe
Hunt for French soldier's attacker
Smarter future
Life span
Tweets of the week
Radical errors
Working Lives Ecuador
Click