Scotland

Galar nan uinnseann a-nis ann an Alba

  • 7 November 2012
  • From the section Scotland
Uinnseann
Image caption Chan eil cunnart do mhac an duine anns a' ghalar.

Chaidh a dhearbhadh gu bheil galar fungasach mairbhteach air nochdadh ann an craobhan uinnseinn ann an seachd àiteachan ann an Alba.

Chuir Coimisean na Coilltearachd crìoch air sgrùdadh mòr air coilltean air feadh na h-Alba, 's iad a' sireadh chomharraidhean air Crìonadh Uinnseinn Chalara.

Thug iad sùil air 2,730 làrach, agus nochd comharraidhean aig 5% dhiubh sin. Tillidh an luchd-sgrùdaidh thuca sin airson tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh.

Tha suas ri 80 millean craobh uinnseinn ann am Breatainn, agus tha dragh ann gun tèid an galar tromhpa gu luath.

Mion-sgrùdadh

Mharbh e mar thà suas ri 90% de na craobhan uinnseinn a th' anns an Danmhairg gu lèir.

Nochd an galar an toiseach sa Ghearran am bliadhna, ann an luchd de chraobhan uinnseinn a thugadh a-steach on Òlaind gu ruige ionad-lus-àraich ann am Buckinghamshire ann an Sasainn.

Chaidh a lorg on uair sin ann an coille faisg air Cille Mhaoil Cholm ann an Inbhir Chluaidh, agus aig ionad-lus-àraich prìobhaideach san Ear-Thuath.

A thuilleadh air sin ann an Alba, tha e a-nis air nochdadh faisg air Drochaid Charra ann am Bàideannach, faisg air Blàr Gobharaidh ann an Siorrachd Pheairt, faisg air Caisteal nan Dùbhghlasach ann an Dùn Phris, faisg air Inbhir Àidh anns na Crìochan, agus faisg air Montròis ann an Siorrachd Aonghais.

Tha rannsachadh a' dol air feadh Bhreatainn feuch tùs a' ghalair a lorg.

Chuir Ministear na h-Àrainneachd 's Atharrachadh na h-Aimsire, Pòl Wheelhouse, "fàilte chùramach" air toraidhean an sgrùdaidh, ach thuirt e gum feumar a bhith faiceallach.

"Chan eil ach 5% de na làraichean air an deach tadhail thuige seo a' sealltainn chomharraidhean, 's tha obair a' leantainn gus na comharraidhean sin a mheas," thuirt e.

"Feumar tuilleadh sgrùdaidhean, gu h-àraid sgrùdaidhean nas mionaidiche timcheall air na làraichean far an do nochd an galar, mus aithnichear cho farsainn 's a tha e a' toirt buaidh air Alba.

"Tha cuideachd cunnart ann gun sgap a' ghaoth an galar bhon Roinn Eòrpa, agus bho àiteachan eile far a bheil e sna h-eileanan seo," thuirt e.

Thuirt Coimisean na Coilltearachd nach fheumadh daoine coilltean a sheachnadh, ach thathas ag iarraidh air daoine a bhith ciallach, feuch nach toir iad duilleagan uinnseinn eadar coilltean gun fhiosta dhaibh.

Chan eil cunnart sam bith do shlàinte mhic an duine anns a' ghalar.

Related Internet links

The BBC is not responsible for the content of external Internet sites