Dragh mu ghainnead bìdhe ann an Canaigh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dragh mu ghainnead bìdhe an Canaigh

23 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha muinntir Chanaigh ag ràdh gu bheil iad a' ruith a-mach à biadh ri linn 's nach d' fhuair iad gnothaichean bhon Cho-op ann am Malaig airson faisg air seachdainn.

'S àbhaist do mhuinntir Chanaigh a bhith a' cur òrdughan a-steach air-loidhne, agus bidh am biadh a' tighinn air an aiseag.

Ach, chuir trioblaidean IT stad air an sin agus, a rèir chuid, chan eil an Co-op air a bhith deònach òrdughan a ghabhail air am fòn, mar a chleachd.

Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris...