RSS feed
Niall O'Gallagher

Niall O'Gallagher Fear-naidheachd poileataigeach

Seo am Blog Poileataigeach, àite airson aithrisean, sgrùdaidh agus deasbaid anns a’ Ghàidhlig air saoghal poileataigeach na h-Alba.

Na ceistean mu dheireadh

21 An Lùnasdal 2014

Dè tha ann de dh'ola fon a' Chuan a Tuath, agus an toireadh an freagairt buaidh air ur bhòt fhèin?

Tha Johann Lamont agus Ruth Davidson ag ràdh gum bu chòir gun toir.

Chleachd iad an cothrom mu dheireadh aca Ailig Salmond a cheasnachadh gus beachd an fhir ghnìomhachais Sir Ian Wood a thogail anns an t-seòmar.

An-dè, thuirt Sir Ian gun robh tuaiream Mhgr Salmond air meud agus luach na h-ola ro àrd.

'S e 24bn barail a tha anns a' phàipear gheal a dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba an-uiridh.

Leugh artaigil air fad

Cur a' ghill

7 An Lùnasdal 2014

"'S e ar not, agus cumaidh sinn e."

Sin mar a thug Ailig Salmond gach freagairt gu crìch aig àm nan ceist an-diugh.

Leugh artaigil air fad

Seinn nam fonn

6 An Lùnasdal 2014

Dè ur beachd mu dheasbad na h-oidhche a-raoir?

Tha an dà thaobh a' cumail a-mach gur e am fear acasan a fhuair làmh an uachdair.

Leugh artaigil air fad

Briseadh na Foise

5 An Lùnasdal 2014

Fad cola-deug tha iomairt an reifrinn air a bhith, cha mhòr, na tàmh.

Às dèidh an fhèatha, thig an stoirm.

Leugh artaigil air fad

Fois-fòirneart nan Geamaichean?

23 An t-Luchar 2014

Dè a' bhuaidh a bhios aig Geamaichean a' Cho-fhlaithis air an deasbad mu dheidhinn neo-eisimeileachd?

An-diugh, bidh a' Bhanrìgh aig Pairc Celtic airson na fèise spòrs as motha a chunnaic Alba a-riamh.

Leugh artaigil air fad

Aithris na Pitheid Mairbhe

22 An t-Luchar 2014

Cha tachair e. Gun teagamh. Pitheid mharbh a tha ann.

Tha sin soilleir gu leòr nach eil?

Leugh artaigil air fad

Taic bho Luxembourg

21 An t-Luchar 2014

Is coltach gun robh Dàibhidh Camshron ceart dragh a thogail mu thagradh Jean-Claude Juncker airson ceannas a' Choimisein Eòrpaich.

Aig a' cheann-thall cha robh taic a' Chamshronaich a dhìth air seann phrìomhaire Luxembourg gus an dreuchd as àirde anns a' Bhruiseil a choisinn.

Leugh artaigil air fad

Teachdaire no teachdaireachd?

23 An t-Ogmhìos 2014

Aig a' cheann-thall, ghèill Ailig Salmond ris an uallach agus ghabh e ri deasbad telebhisein le ceannard Nas Fheàrr Còmhla, Alistair Darling.

Sin, co-dhiù, a' ghrèis a bu toil le luchd an Aonaidh cur air naidheachd an deireadh-seachdain.

Leugh artaigil air fad

Tomhas an toraidh

29 An Cèitean 2014

Dè a bu chòir dhuinn dèanamh de thoradh an taghaidh Eòrpaich?

Tha sin an crochadh air cò ris a bhios tu ag èisteachd.

Leugh artaigil air fad

Air iomall na Roinn Eòrpa

29 An Cèitean 2014

Chuaigh mi gu Árainn Mhór far costa an Iar Dhún na nGall airson bruidhinn ri eileanaich air thoiseach air an taghadh Eòrpach.

Bhòtaidh muinntir Árainn Mhóir agus Thoraigh là ro dhuine sam bith ann am Poblachd na h-Èirinn gus dèanamh cinnteach gun ruig na bogsaichean-baileit tìr-mòr far an tèid an cunntadh.

Leugh artaigil air fad

Tweets as ùire

Barrachd Luchd-naidheachd

  • Brian Taylor, Political editor, Scotland Brian Taylor Political editor, Scotland

    What's happening in the world of Scottish politics


Mu Niall

Tha Niall air a bhith ag aithris air cùisean poileataigeach o 2007, nuair a chaidh e na fhear-naidheachd do Radio nan Gàidheal aig a' Phàrlamaid Albannaich.

Bho thòisich e an 2008, dh'obraich e cuideachd air naidheachdan BhBC Alba, An Là.

Stèidhichte aig Holyrood mar as trice, tha an obair aige ga thoirt air feadh na h-Alba agus nas fhaide air falbh, gu h-àraid aig àm an taghaidh.

Rinn e aithrisean à Strasbourg air an taghadh Eòrpach an 2009, air còmhradh na co-bhanntachd à Westminster an 2010, agus air an deasbad mu neo-eisimeileachd ann am Barcelona an 2012.

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.