Niall O'Gallagher

Fear-naidheachd poileataigeach

Seo am Blog Poileataigeach, àite airson aithrisean, sgrùdaidh agus deasbaid anns a’ Ghàidhlig air saoghal poileataigeach na h-Alba.

Freagairt Mheadhan Lodainn?

  • 16 An Dùbhlachd 2014

'S e casaid chumanta a chuirear air luchd-poileataigs nach freagair iad ceistean.

Ann am poileataigs na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte tha ceist a tha air a bhith gun fhreagairt fad bhliadhnaichean.

Anns na seachdadan, ron chiad bhòt air fèin-riaghladh, thogadh i le ball Lodainn an Iar, Tam Dalyell.

Carson, dh'fhaighnich e, a bu chòir cead a bhith aig buill Albannach aig Westminster bhòtadh air cùisean leithid slàinte is foghlam anns na Cumantan nuair a bha na rudan seo fo smachd na Pàrlamaid Albannaich?

Am beachd an t-seann shaighdeir Làbaraich cha robh ach aon fhreagairt, gun phàrlamaid a stèidheachadh ann an Dùn Èideann idir.

Leugh artaigil air fad Freagairt Mheadhan Lodainn?

Earrann ùr dhen dràma?

  • 10 An Dùbhlachd 2014

Chan fhada o thuirt mi gun robh Ailig Salmond, aig a' cheann thall, a' fàgail an àrd-ùrlair.

Mar a thachair, cha robh ann ach deireadh earrainn ann an dràma fada na b'fhaide.

Leugh artaigil air fad Earrann ùr dhen dràma?

Gealltanas air a choilionadh?

  • 27 An t-Samhain 2014

An toiseach, an t-susbaint.

A-measg nam molaidhean a dh'fhoillsich Coimisean Mhic a' Ghobhainn an-diugh bha gum faigheadh Pàrlamaid na h-Alba an cothrom cead bhòtaidh a thoirt do dheugairean aois 16 agus 17.

Leugh artaigil air fad Gealltanas air a choilionadh?

Faclan agus gnìomhan

  • 26 An t-Samhain 2014

'S e beul a labhras, gnìomh a dhearbhas.

Labhair Nicola Sturgeon fad leth uair a thìde san t-seòmar an-diugh agus i a' cur clàr-reachdais an riaghaltais aice air beulaibh nam ball.

Leugh artaigil air fad Faclan agus gnìomhan

Aodainn ùra aig a' bhòrd

  • 24 An t-Samhain 2014

Cha robh fios aig co-dhiù aon neach a fhuair dreuchd ann an caibineat ùr Nicola Sturgeon gu madainn Dihaoine fhèin.

Mar as trice, nuair a thèid crathadh a chur air an riaghaltas bidh fathanan a' dol mun cuairt ach an turas-sa bha a h-uile rud sàmhach.

Leugh artaigil air fad Aodainn ùra aig a' bhòrd

Prìomh Mhinistear ùr, sgiopa ùr?

  • 20 An t-Samhain 2014

'S e là mòr a bha ann dhi fhèin agus da teaghlach nuair a dh'ainmich a' Phàrlamaid Nicola Sturgeon an-dè mar Phrìomh Mhinistear.

An-diugh, bha caraidean gu leòr aice anns a' Chùirt, far an do ghabh i bòid na dìlseachd, a' dol na prìomh mhinistear h-oifigeal le cead sgrìobhte bhon Bhànrigh.

Leugh artaigil air fad Prìomh Mhinistear ùr, sgiopa ùr?

Soraidh slàn Ailig Salmond

  • 12 An t-Samhain 2014

Thuirt cuideigin gur ann le fàilligeadh a thig gach beatha phoileataigeach go crìch.

A-màireach, tòisichidh seachdain mhòr ann am beatha phoileataigeach na h-Alba, agus Ailig Salmond, a tha air a bhith na phrìomh mhinistear nas fhaide na duine sam bith eile, a' leigeil dheth a dhreuchd.

Leugh artaigil air fad Soraidh slàn Ailig Salmond

Àireamh a Seachd

  • 4 An t-Samhain 2014

Cò a dh'iarradh an dreuchd?

O thòisich fèin-riaghladh ann an 1999, tha sianar air a dèanamh thuige seo.

Leugh artaigil air fad Àireamh a Seachd

Saoghal Ùr?

  • 23 An t-Sultain 2014

Tha gach rud diofraichte a-nis.

Bhiodh sin nas fhollaisiche nan robh Alba air bhòtadh airson an Rìoghachd Aonaichte fhàgail agus a stèidheachadh fhèin mar dhùthaich neo-eisimeileach.

Leugh artaigil air fad Saoghal Ùr?

Aig a' cheann-thall

  • 17 An t-Sultain 2014

Sin e.

Tha iomairt fhada an reifrinn seo - cha mhòr - deiseil.

Leugh artaigil air fad Aig a' cheann-thall

Tweets as ùire

Bho Niall O'Gallagher

Derek MacAoidh, Ministear ùr nan Eilean #gaidhlig

4 weeks ago

RT @BBCScotlandNews: Nicola Sturgeon's new cabinet team pictured outside Bute House in Edinburgh http://t.co/b804o0DaKg http://t.co/02zWWmF…

4 weeks ago

Tha mi an dùil gun tèid Alasdair Allan ainmeachadh an-diugh fhathast mar 'Mhinistear nan Eilean' #gaidhlig

4 weeks ago

Content from Twitter. Learn more about content from Twitter.

Mu Niall

Tha Niall air a bhith ag aithris air cùisean poileataigeach o 2007, nuair a chaidh e na fhear-naidheachd do Radio nan Gàidheal aig a' Phàrlamaid Albannaich.

Bho thòisich e an 2008, dh'obraich e cuideachd air naidheachdan BhBC Alba, An Là.

Stèidhichte aig Holyrood mar as trice, tha an obair aige ga thoirt air feadh na h-Alba agus nas fhaide air falbh, gu h-àraid aig àm an taghaidh.

Rinn e aithrisean à Strasbourg air an taghadh Eòrpach an 2009, air còmhradh na co-bhanntachd à Westminster an 2010, agus air an deasbad mu neo-eisimeileachd ann am Barcelona an 2012.