Fiodh ga ghiùlain air loidhnichean rèile?

  • 7 An t-Ogmhìos 2018
Coille

Tha a' bhuidheann còmhdhail poblaich HITRANS a' coimhead air a bhith a' giùlain fiodha bho choilltean na Gàidhealtachd air loidhnichean rèile, seach a bhith a' cleachdadh làraidhean mòra.

Chan eil seo a' tachairt ann an Alba an-dràsta ach bho mhuillinn fhiodha BSW anns a' Chorpaich ann an Loch Abar.

Tha HITRANS ag ràdh gum bi buannachd ann dhan ghnìomhachas agus nas lugha cron air rathaidean na Gàidhealtachd.

Tha a' bhuidheann an-dràsta a' dèanamh sgrùdaidh air cho seasmhach 's a bhiodh an dòigh ghiùlain seo.

Thuirt Frank Roach bho HITRANS gu bheil ùidh a' fàs am measg dhaoine anns a' ghnìomhachas ann a bhith a' gluasad bhon rathad chun na rèile.

''Tha e a' fàs nas duilghe fiodh a ghluasad bho chuid de sgìrean agus tha iarrtas ann air a shon.

''Tha sinn a' smaointinn le bhith a' cleachdadh loidhnichean rèile gum faigh sinn gu cuid de choilltean a tha an-dràsta doirbh faighinn thuca.

''Tha sinn airson dearbhadh a bheil ùidh aig daoine anns a' ghnìomhachas ann a bhith a' cleachdadh loidhnichean rèile agus coimhead air ciamar as urrainn dhuinne cuideachadh le sin,'' thuirt e.

Plana a dhìth

Dh'innis HITRANS gun deadh aca air 20 làraidh fiodha a thoirt far nan rathaidean.

''Tha sgìrean ann a tha doirbh faighinn thuca air rathad, ach tha loidhnichean rèile a' dol tromhpa,'' thuirt Mgr Roach.

Thathas a' beachdachadh air fiodh a thogail bho diofar làraichean ri taobh loidhnichean rèile tron oidhche gus nach toireadh seo buaidh air seirbheisean rèile eile.

Dh'innis HITRANS gu bheil plana mionaideach a dhìth airson nam bliadhnaichean a tha romhainn leis an ùine a tha e a' toirt pròiseact rèile mar seo a stèidheachadh agus a chumail seasmhach.

Leis na th' ann de dh'ùidh anns na planaichean tha sgrùdadh a-nis ga dhèanamh air cò na làraichean a bhiodh freagarrach air feadh na Gàidhealtachd.