Fàilte air ath-leasachadh Inbhir Nis

  • 5 An t-Ogmhìos 2018
Sràid na Drochaid Image copyright Google

Chuir fear a rinn càineadh roimhe air togalaichean ann am meadhan Inbhir Nis fàilte air an naidheachd gun tèid ath-leasachadh a dhèanamh air an làraich.

Dh'fhàg na togalaichean air Sràid na Drochaid gun deach Inbhir Nis a chur air adhart leis an iris Urban Realm airson "duais charrmhogail" ann an 2010.

Air a' cheann thall 's e Taigh Iain Ghròta a fhuair an duais, is togalaichean a' bhaile sin air am measg fiù 's nas miosa na meadhan Inbhir Nis.

Chaidh leasachadh a dhèanamh ann an Taigh Iain Ghròta agus 's e sin a thachras a-nise ann an Inbhir Nis.

Ceannaichidh Comhairle na Gàidhealtachd an làrach is nì iad co-chomhairle phoblach air na thèid a dhèanamh leatha.

Thuirt deasaiche Urban Realm, Iain Glenday, gun robh Inbhir Nis glè fhortanach duais charrmhogail a sheachnadh roimhe.

Thuirt e gun dèan leasachadh feum mòr dha meadhan a' bhaile.

Buaidh

"A' chiad rud a chì luchd-turais, bheir e buaidh orra", thuirt Mgr Glenday.

"Ma 's e is gur e togalach grannda a chì iad, bheir sin buaidh air a' bheachd a th' aca air Inbhir Nis san fharsaingeachd. Rud sam bith a tha a' fàgail meadhan a' bhaile nas tarraingiche, tha e math", thuirt e.

Thig airgead bho Riaghaltas na h-Alba tro Aonta Baile agus Roinneil Inbhir Nis gus an làrach a cheannach.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gun tèid an obair-leasachaidh air adhart thairis air mu 10 bliadhna, is dùil ri deasbad an toiseach a thaobh dè dìreach a bhios an lùib an leasachaidh.

"'S dòcha gun gabh rudeigin a dhèanamh leis na togalaichean a th' ann. Leis na h-ailtirean ceart, dh'fhaodadh na h-uimhir a dhèanamh leotha", thuirt Iain Glenday.

"Ach an stoidhle bhrùideil a th' ann, chan eil e furasta atharrachadh a dhèanamh. Mar sin, 's dòcha gur e an leagail gu talamh is tòiseachadh às ùr an rud as fheàrr", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile