Uallach Rathaid an t-Sròim "air an Riaghaltas"

  • 23 An Cèitean 2018
Obair air a' chreig
Image caption Bidh creagan a' tuiteam air an rathad gu tric, agus tha mòran airgid ga chosg a' dèanamh na creige os cionn an rathaid sàbhailte.

'S ann ri Riaghaltas na h-Alba a tha feadhainn air Taobh Siar Rois a' coimhead a-niste 'son fuasgladh do sheach-rathad an t-Sròim an dèidh do Chomhairle na Gàidhealtachd innse nach eil airgead aca 'son pìosan de rathad ùr a thogail timcheall air na pàirtean as miosa dheth.

Tha muinntir na sgìre ag ràdh nach e a-mhàin gu bheil an t-slighe cunnartach le creag a' tuiteam, ach gu bheil an sgìre a' fulang gu mòr nuair a bhios an rathad dùinte 'son a' chreag a dhèanamh sàbhailte, mar a thachras 'son trì mìosan as t-Fhoghar am-bliadhna.

"Tha an rathad air leth cudromach airson ghnìomhachasan gu h-ionadail, airson nan sgoilearan a tha a' tighinn gach là à Loch Carrann, 's às a' Chomraich gach seachdain, luchd-turais air an rathad air leth trang daonnan," thuirt Donnchadh Fearghasdan, a tha a' fuireach san sgìre.

"Agus feumaidh sinn cuimhneachadh cuideachd gu bheil seirbheisean èiginneach a' cleachdadh an rathaid sin, carbadan-eiridinn, na seirbheisean smàlaidh a' tighinn an rathad sin, so air leth cudromach airson nan coimhearsnachdan gum bi rathad fosgailte, agus gum bi rathad sàbhailte againn.

"Tha e cunnartach, gun teagamh sam bith. Bha e a' cur dragh ormsa nuair a bha mi aig an sgoil gun robh sgoilearan a' tighinn ann am bus-sgoile gach là air an rathad sin.

"'S e na creagan a' tuiteam air an rathad. Sin an rud a tha air leth cunnartach agus a tha a' cur dragh mòr air daoine a th' air a bhith a' fuireach mun cuairt air seo fada nas fhaide na mise.

"Tha e a' cur dragh oirnn air fad, agus feumaidh sinn fuasgladh fhaicinn air an t-suidheachadh seo.

"Feumaidh an Riaghaltas suidhe sìos agus bruidhinn ris a' Chomhairle, agus rudeigin a dhèanamh.

"Tha fhios againn gu bheil e a' dol a chosg airgid, ach feumaidh an t-airgead a tha sin a bhith air a lorg.

"Dh'fhaodadh sna seann làithean gun tigeadh an t-airgead a tha sin às an Roinn Eòrpa - 's dòcha gun do chaill sinn an cothrom sin.

"Feumaidh sinn a bhith a' strì, agus tha daoine cosuil riumsa, tha an coire oirnne cuideachd nach robh sinn a' strì làidir gu leòr gu ruige seo.

"Ach feumaidh sinn o seo a-mach a bhith ag ràdh, tha sinn ag iarraidh slighe a bhios sàbhailte airson a h-uile duine a tha a' cleachdadh an rathaid sin," thuirt e.