Luchd-strì a' bagairt iomairt laghail

  • 18 An Cèitean 2018
Viewhill

Tha an fheadhainn a tha a' cur an aghaidh 16 taighean faisg air làraich bhlàir Chùil Lodair a' maoigheadh a dhol gu lagh ann an oidhirp stad a chur air an leasachadh.

Chaidh cead a thoirt dhan leasachadh aig Viewhill às ùr Diardaoin, às dèidh mar a bhòt dithis chomhairlichean an taobh cearr nuair a chaidh an t-iarrtas a dheasbad mu dheireadh anns a' Mhàirt.

Tha am pròiseas-dealbhachaidh air a bhith gu math fada, agus connspaideach.

Dhiùlt Comhairle na Gàidhealtachd cead a thoirt dhan leasachadh anns a' chiad dol a-mach ann an 2014.

Ach chaidh cead a thoirt dhaibh nuair a chaidh ath-thagradh a chur gu Riaghaltas na h-Alba.

Dìon

Tha dragh air an fheadhainn a bha an aghaidh an leasachaidh gu bheil cunnart ann a-nis gun tèid tuilleadh thaighean a cheadachadh ann an àite a tha prìseil a thaobh eachdraidh na h-Alba.

Thuirt Carolyn Seggie bhon bhuidhinn Stop Culloden Development gun cruthaich an leasachadh tuilleam fuaim, 's gun tèid sàmhchair na làraich a mhilleadh.

Toileachas

Thuirt Stiùiriche Fearainn Kirkwood Homes, Ailean Rae gu bheil iad uabhasach toilichte leis a' cho-dhùnadh.

Tha dùil aca gun tòisich an obair-togail as t-Fhoghair agus gum faigh daoine a-steach dhan na taighean ùra as t-Earrach an ath-bhliadhna.

Tuilleadh air an sgeulachd seo