Dùbhlan ùr do sgioba na Gàidhlig

  • 16 An Cèitean 2018
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Agallamh le co-òrdanaiche Iomain Cholmcille ann an Alba, Eòghan Stiùbhart.

Tha sgioba iomain Ghàidhlig na h-Alba gus dùbhlan ùr a ghabhail os làìmh gus clachan-mìle san spòrs a chomharrachadh.

Chaidh an sgioba a stèidheachadh bho thùs gus a bhith a' cluiche gheamaichean an aghaidh sgiobaidhean Èireannach leis a' Ghaeilge ann am farpais Iomain Cholmcille.

Tha an fharpais sin air soirbheachadh gu mòr is geamaichean a-nise ann eadar boireannaich na h-Alba is na h-Èireann cuideachd.

Bidh Iomain Cholmcille air ais mar as àbhaist am-bliadhna, an turas seo ann an Dùn nan Gall san t-Samhain.

Ron sin bidh deuchainn ùr dha fireannaich na h-Alba is iad gus dà gheama a chluich an aghaidh Shasainn.

Tha na Sasannaich a' comharrachadh 5 bliadhna bho chaidh Comann Camanachd Shasainn a stèidheachadh.

Urram

Dh'iarr iad air Comann na Camanachd geama sònraichte air choireigin a chluiche gus seo a chomharrachadh, is Comann na Camanachd fhèin 125 bliadhna de dh'aois am-bliadhna.

Bha dragh ann ge-tà, gum biodh làn-sgioba na h-Alba fada cus ro làidir dha na Sasannaich.

'S e sgioba na Gàidhlig am fuasgladh a bh' ann.

"Cha robh Comann na Camanachd buileach cinnteach ciamar a bhiodh iad a' làimhseachadh seo is mar sin, 's e Comann na Camanachd a thàinig gu Iomain Cholmcille is dh'fhaighnich iad dhuinn am biodh sinn deònach sgioba a tharraing ri chèile às na cluicheadairean Gàidhlig", thuirt co-ordanaiche Iomain Cholmcille ann an Alba, Eòghan Stiùbhart.

"Tha e math gu bheil sgioba Ghàidhlig na h-Alba a' faighinn an t-seòrsa aithne a tha seo", thuirt e.

Coinnichidh sgioba na Gàidhlig ris na Sasannaich ann an Ceann a' Ghiuthsaich Disathairne an 28mh den Iuchar, is dàrna geama an uairsin ann an Lunnainn air an 6mh den Damhair.

'S iad Doneil MacLeòid agus Sean MacLeòid na coidsichean a bhios air sgioba na h-Alba, is dùil gun tarraing iad sguad ri chèile anns na seachdainean ri tighinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile