Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An Cèitean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte nach iarr Breatainn leudachadh air an ùine eadar-amail airson Brexit an dèidh na Dùbhlachd ann an 2020. Chaidh sin a mholadh mar dhòigh air barrachd ùine fhaighinn airson aonta cusbainn a dhèanamh, ach thuirt ministear Oifis a' Chaibineit, Dàibhidh Lidington, an-diugh, nach eil Riaghaltas Bhreatainn no an t-Aonadh Eòrpach deònach an clàr-ama atharrachadh.

Gàsa

Tha Prìomhaire Israel, Benjamin Netanyahu, a' fàgail air Hamas gu bheil iad a' pàigheadh Phailistinianach airson fianais a thogail an aghaidh Israel air a' chrìch ri Gàsa. Thuirt Mgr Netanyahu gu bheil Hamas a' feuchainn ri àimhreit a phiobrachadh. Chaill còrr is 60 duine am beatha, agus chaidh ceudan a ghoirteachadh ann an dà là de dh'fhòirneart.

Carillion

Tha aithisg Pàrlamaid ag ràdh gur e saibhreas pearsanta, seach còirichean an luchd-obrach, as motha a bh' air aire cheannardan na companaidh Carillion, a chaidh fodha. Chaidh bòrd Charillion às àicheadh sin. Tha an aithisg cuideachd a' càineadh an Riaghaltais airson cion smachd air buidhnean mòra corporra.

Humza Yousaf

Cuiridh Comataidh nan Cùisean Dùthchail ann am Pàrlamaid na h-Alba ceistean air Ministear na Còmhdhail, Humza Yousaf, an-diugh mun troimhe-chèile a th' air seirbheisean aiseig a' chosta an iar. Agus tha Comann Turasachd Innse Gall a' càineadh Mhgr Yousaf. Tha an Comann ag ràdh gun do chuir iad fios air bho chionn trì seachdainnean mun t-suidheachadh, agus nach d' fhuair iad freagairt bhuaithe fhathast.

STV2

Tha STV a' dùnadh an dàrna sianail thelebhisein aca le call faisg air 60 cosnadh. Falbhaidh 25 obair aig STV2 nuair a sguireas an sianal aig deireadh na h-Ògmhios, agus thèid 34 cosnadh eile a chall le atharrachadh ann an seirbheisean naidheachd. Thuirt STV gun sàbhail an t-atharrachadh sin mu £2m anns a' bhliadhna.

Ceangal an Ear Inbhir Nis

Tha plana ga fhoillseachadh an-diugh airson atharrachaidh mhòir air siostam rathaid Inbhir Nis. Tha Riaghaltas na h-Alba a' beachdachadh air rathad ùr a thogail eadar an A9 agus an A96, ged a tha feadhainn a' ceasnachadh an fhiach e na milleanan mòra a chosgadh e.