Planaichean airson rathaid ùir gan taisbeanadh

  • 16 An Cèitean 2018
An slighe a thathas a' moladh Image copyright Còmhdhail Alba

Tha na planaichean aig Riaghaltas na h-Alba airson rathaid ùir a cheangaileas an A9 agus an A96 ann an Inbhir Nis a' dol air beulaibh a' phobaill, ach tha ceistean ann an dèan an rathad mòran chuideachaidh don bhaile.

Tha ceist ann cuideachd an e deagh chleachdadh de dh'airgead a bhios anns an rathad, a tha air ainmeachadh mar "an Ceangal an Ear".

Chaidh slighe airson an rathaid a thaghadh an-uiridh, a' dol eadar na h-Innseagan agus Baile a' Ghobhainn, agus seachad air togalaichean ùra Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean aig Campas Inbhir Nis.

Chosgadh an rathad eadar £25m agus £35m.

Tha ministearan Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun dèan an rathad ùr lùghdachadh air trafaig aig comar rathaid a' bhios a fàs uabhasach trang aig an Ràthaig Mhòr.

Tha iad cuideachd den bheachd gun dèan e na rathaidean eile mu chuairt a' bhaile nas sàbhailte le bhith a' lùghdachadh na trafaig.

Ach chan eil a h-uile duine den aon bheachd.

Thuirt am BPA Uaine, Iain Finnie, gur e caitheamh airgid a bhiodh ann, seach nach sàbhaileadh e ach 12 diogan gach là do luchd-siubhail.