"Feumaidh CalMac a bhith nas fheàrr air conaltradh"

  • 16 An Cèitean 2018
Bàt-aiseig

Thuirt Ministear Còmhdhail na h-Alba, Humza Yousaf, gum feum Caledonian Mac a' Bhriuthainn a bhith nas fheàrr air bruidhinn ris na coimhearsnachdan air am bheil a' chompanaidh a' frithealadh.

Bha e a' bruidhinn agus e a' freagairt cheistean air beulaibh Comataidh nan Cùisean Dùthchail aig Holyrood.

Thuirt Stiùiriche Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn gu bheil seirbheisean aiseig na companaidh air tighinn fon bhuaidh as miosa ann an seachd bliadhna bho chionn ghoirid ri linn na bh' ann de dh'atharrachaidhean a thaobh chlàran-ama.

A rèir Robbie Drummond 's e trioblaid gu math sìmplidh a th' air a chùlaibh, agus aca ri dèiligeadh ri àrdachadh ann an luchd-cleachdaidh nan aiseagan fhad 's a tha na soithichean fhèin a' fàs nas sine.

Nochd Mgr Yousaf air beulaibh Comataidh nan Cùisean Dùthchail aig Holyrood Diciadain gus bruidhinn mun t-suidheachadh.

Ceist shìmplidh

Tha Mgr Yousaf cuideachd a' faighinn càineadh bho Chomann Turasachd Innse Gall, agus iadsan ag ràdh gu bheil iad fhathast a' feitheamh freagairt bhuaithe trì seachdaninean an dèidh dhaibh gearainnean a thogail leis mu na h-aiseagan.

Thuirt Rhoda Chaimbeul às na Hearadh, a tha air bòrd stiùiridh a' Chomainn, gu bheil e sgriosail gu bheil iad a' feitheamh cho fada airson freagairt do na ceistean aca, agus gu bheil mì-chìnnt ann mu cuin a gheibh iad aiseagan ùra eadar na Hearadh agus an t-Eilean Sgitheanach agus Uibhist a Tuath.

"Bha còrr aig an aiseag ùr a bhith ann an ath-bhliadhna, agus is docha gum bi ceist ann an e an ath-bhliadhna a-rithist a bhios ann.

"Chan eil ceann-là sam bith againn. A-rithist ceist gu math sìmplidh agus carson nach eil iad a' freagart nan ceistean.

"Tha na h-aiseagan làn agus cuiridh sin droch ìomhaigh air turasachd anns na h-eileanan ma bhios iad làn agus nach fhaigh daoine chun nan eileanan.

"Feumiadh an Riaghaltas tighinn thugainn agus feumaidh deasbad a bhith ann gus am faic sinn dè tha a' dol a thachairt anns na mìosan a tha romhainn.

"Chan fhaigh muinntir an àite fhèin air falbh nuair a tha iad ag iarraidh agus tha sin ag innse dhut gu bheil na h-aiseagan làn agus gum feum an fheadhainn a tha a' dèiligeadh ri seo dèiligeadh ris na h-àireamhan," thuirt i.