Mìos nan Gàidheal an Albainn Nuaidh

  • 15 An Cèitean 2018
Màbu, Ceap Breatainn

Tha Mìos nan Gàidheal a' leantainn an-dràsta ann an Albainn Nuaidh, le tachartasan air feadh na mòr-roinne a' taisbeanadh cànain agus cultair na Gàidhlig.

'S e Oifis nan Iomairtean Gàidhlig ann an Albainn Nuaidh a tha a' cur mòran de thachartasan na mìos air dòigh.

Thuirt Lodaidh MacFhionghain, a tha a' stiùireadh na h-oifise sin, gun deach adhartas mòr a dhèanamh bho chionn ghoirid ann an daoine a bhith a' togail a' chànain - agus a' neartachadh a' cheangail eadar luchd-labhairt dhùthchasach agus luchd-labhairt ùra.

"'S e mìos nan Gàidheal cothrom do na Gàidheil fhèin a bhith ag innse do mhuinntir na h-Albann Nuaidhe an sgeòil aca fhèin, eachdraidh agus cànan is cultar nan Gàidheal anns a mhòr-roinn againn.

Tuigse nas Fheàrr

"Seo an dàrna bliadhna thar fhichead bhon a bha Mìos nan Gàidheal anns a' mhòr-roinn. 'S e cothrom a bhith a' tighinn cruinn-còmhla.

"Tha mise a' faicinn adhartas nach fhaca mi a-riamh a thaobh a bhith a' togail na Gàidhlig, agus mar sin 's e àm gu math misneachail a th' ann a thaobh tuilleadh dhaoine a' tighinn gu bruidhinn a' chànain agus a' feuchainn ris na sgilean aca fhèin a leasachadh agus tuigse nas fhèarr fhaighinn air cultar nan Gàidheal an seo ann an Albainn Nuaidh," thuirt e.

Tha còrr is 50 tachartas a' gabhail àite, eadar cèilidhean, taisbanaidhean agus òraidean.

Chaidh leabhar ùr do chloinn, Fionn MacCool and the Salmon of Knowledge, a chur air bhog leis an fhoillsichear Bradan Press.

Bun is Bàrr

Thuirt an Dr. Emily McEwan-Fujita, a stèidhich am foillsichear sin, gu bheil a' mhìos a tha seo deatamach airson sealltainn mar a bhuineas a' Ghàidhlig a cheart cho math don là an-diugh agus a bhuineas i don là a dh'falbh.

"Tha mise den bheachd gu bheil sinn ag obair fhathast air aire dhaoine a thogail mun Ghàidhlig.

"Tha fios aig daoine gun robh Gàidhlig anns na teaghlaichean aca, ach chan eil mòran dhaoine a' tuigsinn gu bheil Gàidhlig ann fhathast agus gu bheil sinn ga bruidhinn, agus gu bheil cothroman aca a bhith an sàs ann agus a bhith ga h-ionnsachadh a-rithist," thuirt i.

Tha diofar oidhirpean ann a tha a' feuchainn ri sin a thoirt gu buil.

Tha prògraman ann leithid Bun is Bàrr a tha gu sònraichte ag amas air luchd-labhairt dhùthchasach na Gàidhlig a thoirt còmhla le feadhainn a tha airson an cànan ionnsachadh.

Cha mhòr 250 bliadhna on a thàinig i ann an toiseach, tha sgeulachd na Gàidhlig a' leantainn ann an Albainn Nuaidh an-diugh.