£100k de dhrugaichean a' lorg air an A9

  • 14 An Cèitean 2018

Fhuair Poilis an Inbhir Nis £100k de chainb nuair a chuir iad stad air càr air an A9 deas air a' bhaile.

'S ann feasgar Dihaoine an 11mh den Chèitean a chaidh stad a chur air a' chàr.

Nochd Trever Whitley, aois 45, agus Cailean Gray, 43, a bhuineas le chèile do dh'Alexandria, gu prìobhaideach aig Cùirt an t-Siorraim an Inbhir Nis an-diugh fo chasaidean dhrogaichean, agus casaidean gun robh iad a' giùlain sgeine, 's a' feuchainn ri bacadh a chur air ceartas.

Chaidh an saoradh air urras.

Thuirt an Inspeactar Uilleam Nimmo gu bheil iad gu daingean airson dèiligeadh ri èucoir dhrugaichean anns a' choimhearsnachd agus gu bheil an luach dhrugaichean seo mar eisimpleir dhen obair sin.

"Tha sinn a' crochadh air fiosrachadh fhaighinn bhon phoball 'son stad a chur air drugaichean tighinn dhan Ghàidhealtachd", thuirt an Inspeactar Nimmo.

"Mhollain 'sa do dhuine sam bith aig a bheil fios 'son stad a chur air èucoir, bruidhinn rinn air an àireamh-fòn 101, no air Crimestoppers 0800 555 111", thuirt e.