Cothrom plana aiseig a chur air beulaibh ChalMac

  • 14 An Cèitean 2018
MV Hebrides Image copyright Cal Mac

Gheibh comhairlean coimhearsnachd an Uibhist cothrom plana aiseig a chur air beulabh Chaledonian Mhic a' Bhruthainn son 's mar a chuireadh iad gu feum nan aiseagan thairis air an t-samhraidh a tha ri thighinn.

Bha seo às dèidh coinneimh ann an Uibhist le Àrd-Stiùiriche na buidhne, Robbie Drummond, far an deach togail air an droch bhuaidh a thug dìth aiseagan air na h-eileanan aig àm na Càisge.

Chaidh aideachadh gu bheil na h-aiseagan a' fàs seann agus nas dualtaich bristeadh, ach thuirt Mgr Drummond gun robh iad fhèin agus CMAL a' dol a-mach air feadh an t-saoghail a' coimhead 'son aiseag fhaighinn air màl 's gun toireadh sin faochadh gus am bi an dà aiseag ùr a tha an-dràsta gan togail, deiseil.

Plana Stèidhichte

Chaidh ceist a thogail air cò dìreach a tha a' dèanamh nan co-dhùnaidhean air càite am bu chòir aiseagan a dhol nuair a tha aiseag, no fiù' s dà aiseag, briste.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt an comhairliche Uibhisteach, Ùisdean Robasdan, gun deach iarraidh air CalMac aithisg a sgrìobhadh air na tha iad air ionnsachadh bho na trioblaidean a bh' aca aig àm na Càisge is dè dìreach a chaidh cearr, airson 's nach tachair e a-rithist.

Chaidh iarraidh cuideachd air CalMac plana stèidhichte a bhith aca nuair a bhristeas diofar bhàtaichean, can ma bhristeas an Hebrides, bidh seo a' tachairt, no ma bhristeas an Isle of Lewis bidh sin a' tachairt, son 's gum bi fios aig na coimhearsnachdan fa leth dè thachras.

"Thuirt sinne gum biodh sinn deònach plan a chur air beulabh ChalMac a bhiodh sinn a' faicinn freagarach, agus nì sinn sin, agus cuiridh sinn plana thuca air mar a chuireadh iad feum air aiseagan air an t-samhradh a tha thighinn", thuirt Mgr Robasdan.

Tha dùil ri coinneamh mhòr an Uibhist nas fhaide air adhart am-bliadhna 'son bruidhinn air còmhdhail san fharsaingeachd, le CMAL, Còmhdhail Alba agus Ministear na Còmhdhail an sàs, agus bheir seo cothrom a bharrachd do dhaoine na beachdan aca fhoillseachadh.