Taghadh Chupa na Camanachd

  • 14 An Cèitean 2018
Baile Ùr an t-Slèibh Image copyright Comann na Camanachd
Image caption Bhuannaich Baile Ùr an t-Slèibh an cupa ann an 2017.

Cuiridh na Sgitheanaich fàilte air Lòbhat san dàrna chuairt de Chupa na Camanachd, is Ceann Loch Seile aig an taigh an aghaidh Camanachd an Òbain.

Bidh Baile Ùr an t-Slèibh, a tha a' dìon na farpais, air falbh an aghaidh Loch Abair.

Chaidh an taghadh a dhèanamh madainn Diluain ann am Muillean Shàbhaidh Russwood ann am Baile Ùr an t-Slèibh.

'S iad Iain Russell bho Russwood is Seòras Friseal bho Tulloch Homes - a tha a' cur taic ri Cupa na Camanachd - a rinn an taghadh.

Chluich Iain is Seòras ri chèile san sgioba aig Baile Ùr an t-Slèibh a bhuannaich Cupa na Camanachd ann an 1985.

Tha an taghadh air fad mar a leanas:

Cupa na Camanachd - An Dàrna Chuairt

Cabair Fèidh - Ceann a' Ghiuthsaich

Camanachd an Eilein Sgitheanaich - Lòbhat

Gleann Urchadain - Caol Bhòid

An Gearasdan - Celtic an Òbain

Loch Abar - Baile Ùr an t-Slèibh

Eilean Bhòid - A' Mhanachainn

Inbhir Aora - Cill Mhàillidh

Ceann Loch Seile - Camanachd an Òbain

Bidh na geamaichean ann Disathairne an 2mh den Ògmhìos.

Bidh a' chuairt dheireannach am-bliadhna san Òban Disathairne an 15mh den t-Sultain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile