Iomairt ùr mu shiognailean fòn-làimhe

  • 11 An Cèitean 2018
Crann Image copyright James Allan / Geograph

Tha ceannardan gnìomhachais ann an Èirinn a Tuath, Alba agus anns a' Chuimrigh ag iarraidh air Riaghaltas Westminster piseach a thoirt air siognailean fòn-làimhe.

Mhol Ofcom gum bi dleastanas airson seirbhisean a leasachadh an cois an speactram fòn-làimhe, nuair a thèid a reic.

Bhiodh seo a' ciallachadh gum biodh dleastanas air na companaidhean fòn-làimhe mar phàirt den chead aca bhon Riaghaltas air pàirt den speactrum fòn-laimhe a chleachadh, leasachadh a dhèanamh air an t-seirbheis ann an sgìrean dùthchail.

Tha Caidreachas nan Gnìomhachasan Beaga ag iarraidh air an Riaghaltas an taic a chur ris a' mholadh sin.

"Anns a' Ghàidhealtachd agus na h-eileanan tha e gu math dona agus tha luchd-obrach agus daoine a tha a' cur air adhart gnìomhachas air a bhith a' gearain o chionn iomadach bliadhna timcheall air seo", thuirt Hamish Friseal bho Chaidreachas nan Gnìomhachasan Beaga.

"Chan eil sinne a' smaoineachadh gu bheil iad a' faighinn na h-èisteachd a tha còir aca a bhith a' faighinn o chionn tha e a' bualadh air a' gnhìomhachas aca fhèin agus chan e sinn a-mhàin ach an fheadhainn a tha a-tighinn a-staigh dhan sgìre a tha seo", thuirt e.

Sheall dàta a dh'fhoilsich an riaghladair Ofcom air an t-seachdain seo chaidh gu bheil seirbheis nam fònaichean làimhe nas miosa ann an Alba, a' Chuimrigh agus Èirinn a Tuath na tha e ann an Sasainn.

Ann an litir gu rùnairean stàite nan tri dhùthchanan Ceilteach, tha Caidreachas nan Gnìomhachasan Beaga ag ràdh gum feum ministearan dèanamh cìnnteach gu bheil targaidean airson an lìonra a leudachadh cho adhartach 's a ghabhas.

Tha am Pàrtaidh Làbarach ann an Alba air taic a chur ris an iarrtas, agus iad ag ràdh gum bu chòir do Riaghaltas Westminster uallach a chur air na companaidhean fòn piseach a thoirt air an t-seirbheis a tha iad a' tabhainn do dhaoine ann an sgìrean duthchail.