Fearg mu Eastern Airways

  • 11 An Cèitean 2018
Eastern Airways

Dh'fhàg fear de chomhairlichean nan Eilean Siar air Eastern Airways gur e "cùis-nàire" a th' anns an t-seirbheis aca eadar Steòrnabhagh is Obar Dheathain.

Tha Eastern ag obair ann an co-bhanntachd le Flybe air an t-slighe.

Dh'innis iad an t-seachdain seo gum bi iad a' gearradh sheirbheisean ùra a thòisich iad nas tràithe am-bliadhna,

Thuirt iad nach robh luchd-siubhail gu leòr gan cleachdadh.

Bha iad air dusan seirbheis a bharrachd, seirbheis Sàbaid nam measg, a thòiseachadh sa Mhàirt.

Tillidh iad gu aon sheirbheis gach là bhon 11mh den Ògmhìos.

Càineadh

Thuirt an Comh. Dòmhnall Crichton gur e seirbheis gu math fhèin truagh a th' air a bhith aig a' chompanaidh.

Thuirt e gun deach seirbheisean a chur dheth tric 's minig is nach robh seirbhisean maidne idir ann fad seachdain.

"S e cùis-nàire a th' ann mar a tha a' chompanaidh seo a' dèiligeadh ri luchd-siubhail, daoine a tha a' pàigheadh phrìsean gu math mòr airson siubhail agus seirbheis air a bheil iad feumach, gun teagamh feadhainn a tha ag obair ann an gnìomhachas na h-ola", thuirt an Comh. Crichton.

Dh'innis Mgr Crichton gun robh daoine a' cleachdadh nan seirbheisean is gun robh cus cabhaig air Eastern Airways gearraidhean a chur an sàs.

Ann am brath, thuirt Eastern Airways gun do dh'fhàg sreath adhbharan gun robh aca ri seirbhisean maidne eadar Steòrnabhagh 's Obar Dheathain a chur dheth tron t-seachdain, 's thabhainn iad leisgeul do luchd-siubhail air an tug sin buaidh.

Thuirt iad cuideachd gu bheil iad air atharrachadh a dhèanamh air a' chlàr-ama eadar Steòrnabhagh is Obar Dheathain ri linn dìth iarrtais air seirbheisean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile