An cothrom mu dheireadh aig County

  • 10 An Cèitean 2018
County Image copyright SNS
Image caption Bha County dòchasach nuair a thug iad sgoladh air Partaig 4-0 sa Ghiblean. Cha do bhuannaich iad bhon uairsin.

Thuirt co-mhanaidsear Ross County, Stiùbhart Kettlewell, gu bheil fios aca gur e Disathairne an cothrom mu dheireadh aca sreap far bhonn na Prìomh Lìge.

Thèid County a Pheairt a chluich St Johnstone is iad 2 phuing air cùl Phartaig.

Ma gheibh na Jags fhèin 3 puingean bhon gheama acasan an aghaidh Dhùn Dè aig Pàirce Dens thèid County sìos, as bith dè thachras ann am Peairt.

Thuirt Kettlewell nach bi aire aca ach air a' gheama aca fhèin.

"Cumaidh sinn a' sabaid gus am bi an gnothach dèante", thuirt Kettlewell.

"Tha fios againn dè an suidheachadh a th' ann, 's dòcha nach dèan fiù 's buaidh an gnothach dhuinn.

"Chan e seo an suidheachadh a bha sinn ag iarraidh, ach 's ann mar sin a tha e.

Image copyright SNS
Image caption Thàinig David Ngog faisg air puing a shàbhaladh an aghaidh Dhùn Dè meadhan na seachdain.

"Feumaidh sinn an geama againn fhin a bhuannachadh is chì sinn an uairsin dè thachair ann an geamaichean eile", thuirt e.

Cha do rinn County a' chùis air St Johnstone idir air an t-seusan seo is na sgiobaidhean co-ionnan dà thuras is sgioba Pheairt a' buannachadh 2-0 sa gheama eile.

Tha sgioba Tommy Wright ann an sunnd cuideachd is iad air an dà gheama mu dheireadh aca a bhuannachadh is air seachd tadhail a chur.

Aig an dearbh àm, chan eil County air buannachadh anns na còig geamaichean mu dheireadh aca fhèin.

Bha dòchas gu leòr ann dhaibh nuair a thug iad droinneadh 4-0 air Partaig tràth sa Ghiblean.

Chaidh Kettlewell is Steafan Fearghasdan a dhearbhadh mar cho-mhanaidsearan Chounty nas fhaide air a' mhìos.

Ach cha do bhuannaich an sgioba geama idir bhon uairsin.

Thuirt Kettlewell gu bheil planaichean mòra aca san amharc, ach an-dràsta gur e fuireach sa Phrìomh Lìog an rud as cudromaiche a th' ann.

"Bidh sinn ag amas air ar feallsanachd fhèin a sgaoileadh tron chluba ach aig an ìre seo chan eil sinn ach a' coimhead ris a' gheama ann am Peairt.

"Chan urrainn dhuinn smaointinn air dad eile ach feuchainn ri fuireach sa Phrìomh Lìog", thuirt e.

Image copyright SNS
Image caption Ach cha do ghabh e an cothrom.

Tuilleadh air an sgeulachd seo