Dìon air a cur air cìsean parcaidh

  • 10 An Cèitean 2018
Port-adhair Steòrnabhaigh Image copyright Stephen Branley / Geograph

Chuir HIAL dìon air a' phoileasaidh ùr aca cìsean parcaidh a chur an sàs aig puirt-adhair Steòrnabhaigh, Bhaile na h-Eaglaise is Shumburgh.

Cosgaidh e £3 airson parcadh suas ri 24 uairean de thìde.

Bidh uair de thìde an asgaidh ann do chàraichean a tha a' fàgail no a' togail dhaoine aig a' phort-adhair, is cha bhi cosgais ann do dhaoine a tha a' siubhail air adhbharan slàinte.

Tha na h-uimhir de mhì-thoileachas air a bhith ann mu na cìsean, is comhairlichean cuideachd ag ràdh nach deach bruidhinn riutha mun deidhinn sa chiad dol a-mach.

Choinnich HIAL ri Comhairle nan Eilean Siar an t-seachdain seo is gheall iad fiosrachadh a chumail riutha bho seo a-mach.

Ionmhas

Ach thuirt Stiùiriche HIAL, Inglis Lyon, nach eil dol às ach na cìsean a chur an sàs.

"Tha sinn ann an suicheachadh far am feum sinn airgead a thogail is chan eil an seo ach aon dòigh air sin a dhèanamh", thuirt Mgr Lyon.

"Tha fios againn gu bheil e doirbh nuair a tha daoine air rudeigin fhaighinn gun chosgais is an uairsin tha cosgais ann, ach tha sinn an dùil gun obraich e", thuirt e.

Thuirt Mgr Lyon gu bheil e den bheachd gu bheil £3 reusanta, is nach toir na cìsean buaidh air an àireamh de dhaoine a tha a' cleachdadh nam port-adhair.

Dh'innis Mgr Lyon cuideachd gun tèid an t-airgead bho na cìsean a chosg air goireasan is bun-structar a leasachadh.

Tòisichidh na cìsean air an 1mh den Iuchar.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile