Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An Cèitean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

BT

Thàinig cha mhòr 8% far luach nan earrainnean ann an British Telecom an deidh dearbhadh gu bheil a' chompanaidh am beachd 13,000 cosnadh a ghearradh air an ath thrì bliadhna. Tha BT ag ràdh gur ann anns na h-oifisean agus am measg mhanaidsearan a bhios a' mhòr-chuid de na gearraidhean sin, agus iad ag amas air £1.5bn a ghearradh far nan cosgaisean aca. Thuirt an t-aonadh Prospect gur e fìor bhuille mhòr a tha sin do mhòran den luchd-obrach.

Coirea a Tuath

Chuir an Ceann-suidhe Trump fàilte dhachaigh air triùir Aimeireaganach a bha an grèim ann an Coirea a Tuath. Chaidh saorsa dhaibh aontachadh air turas Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, Mike Pompeo, a Choirea a Tuath an-dè, agus e ag ullachadh airson coinneimh a dh'aithghearr eadar Dòmhnall Trump agus ceannard Choirea a Tuath, Kim Jong-un.

Siria

Dh'iàrr an Ruis agus an Fhraing air Israel agus Ioran sguir den fhòirneart eadar iad an dèidh do dh'itealain chogaidh Israelach ionnsaigh a thoirt air targaidean Ioràinianach ann an Siria. Thuirt Israel gun robh iad a' freagairt ionnsaigh le rocaid a thug feachdan Ioràinianach air làrach Israelach anns na Golan Heights.

Uibhist

Chaidh tuilleadh airgid iarraidh airson seirbheisean slàinte agus sòisealta ann an Uibhist an dèidh rannsachaidh anns a' choimhearsnachd a tha ag ràdh gu bheil daoine òga a' tilleadh agus feadhainn eile a’ dol a dh'fhuireach anns na h-eileanan. Tha an sgrùdadh ag ràdh gu bheil na teaghlaichean òga sin a' toirt dòchais às ùr dhan sgìre, ach tha dragh ann cuideachd gum foadadh aithisg mhisneachail den t-seòrsa seo cron a dhèanamh air an oidhirp air taic-airgid fhaighinn dha na h-eileanan.

Seirbheisean Adhair

Tha Eastern Airways a' cur stad air feadhainn de na seirbheisean aca eadar Obair Dheathain agus Steòrnabhagh agus iad ag ràdh nach eil daoine gu leòr gan cleachdadh. Chuir Eastern dusan seirbheis a bharrachd, le seirbheis Sàbaid nam measg, air an t-slighe sin anns a' Mhàirt, ach tha iad ag ràdh a-niste nach eil luchd-siubhail gu leòr gan cleachadadh agus gum bi iad, bhon 11mh là den ath-mhìos, a' tilleadh gu aon sheirbheis gach là.

Spreadhadh

Tha poilis ag iarraidh air dràibhearan rathad an A82 aig Raon Ghoilf Thòrr Bheathain ann an Inbhir Nis a sheachnadh an dèidh do bhus double decker a dhol na theine an sin. Thuirt feadhainn gun cuala iad spreadhadh a' tighinn bho sgìre Thom na h-Iùbhraich mu 09:30m, agus gum faca iad ceò dhubh. Tha e coltach nach deach duine a ghoirteachadh.