Deuchainn tacsi ro dhoirbh?

  • 9 An Cèitean 2018
Tacsi

Tha cuid de chompanaidhean tacsi air a' Ghàidhealtachd ag iarraidh nach bi an deuchainn eòlais do dhràibhearan ùra cho doirbh 's a tha e.

Mar a tha cùisean an-dràsta, feumaidh dràibhearan ùra faighinn seachad air deuchainn shònraichte aig Comhairle na Gàidhealtachd.

Tha an deuchainn sin ann an dà leth, fear mu eòlas air a' Ghàidhealtachd san fharsaingeachd, is fear eile mun sgìre ionadail anns am bi an dràibhear ag obair.

Feumaidh dràibhearan co-dhìu 85% fhaighinn anns gach phàirt den deuchainn gus cead fhaighinn a bhith ag obair sa ghnìomhachas.

Tha dragh air cuid de na companaidhean tacsi air a' Ghàidhealtachd gu bheil 85% ro àrd, is gu bheil e a' fàgail nach eil cuid airson a dhol an sàs sa ghnìomhachas.

Thathas a' moladh gum biodh eadar 60% is 75% freagarrach airson a' phìos den deuchainn mun Ghàidhealtachd gu lèir.

Thuirt companaidhean tacsi cuideachd gu bheil dràibhearan san là a th' ann a' faighinn na h-uimhir den fhiosrachadh aca tro theicneòlas saideil.

Chaidh an gnothach a thogail aig sreath de choinneamhan air feadh na Gàidhealtachd bho chionn ghoirid eadar companaidhean tacsi is Comhairle na Gàidhealtachd.

Chaidh iarraidh air Comataidh Ceadachachaidh na Comhairle an ìre a tha a dhìth 'son faighinn tron deuchainn ìsleachadh.