Naidheachdan 11:00
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

9 An Cèitean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Iran

Thuirt Breatainn, an Fhraing agus a' Ghearmailt gu bheil iad ag obair còmhla ri Iran airson na ghabhas glèidheadh an dèidh dha na Stàitean Aonaichte tarraing a-mach às an aonta niùclasach an-raoir. Thuirt an Ceann-suidhe Trump gur e aonta gun fheum a bh' ann ris nach bu chòir gabhail bho thoiseach, agus gum bi e a' cur an sàs a-rithist casg-bhannan air Iran, dhan deach cur às nuair a chuir iad an t-ainm ris an aonta ann an 2015. Thuirt an t-Aonadh Eòrpach an-diugh nach bi iadsan a' cur casg-bhannan às ùr air Iran.

Coirea a Tuath

Tha Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, Mike Pompeo, ann am Pyongyang ag ullachadh airson turas a' Chinn-suidhe Trump a Choirea a Tuath an ceann beagan sheachdainean. Tha meadhanan naidheachd ann an Coirea a Deas ag ràdh gum faigh Mgr Pompeo saorsa do thriùir Ameireaganach a tha air a bhith an grèim ann an Coirea a Tuath.

Taobh Tatha

Thuirt Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, gum bi pàirt aig teaghlaichean ann an co-dhùnadh dè cho farsaing 's a bhios rannsachadh mu sheirbheisean slàinte inntinn aig NHS Taobh Tatha. Tha buill-pàrlamaid na h-Alba gu bhith a' deasbad na cùise an-diugh. Ged a bhios ath-sgrùdadh neo-eisimileach ann air dragh mun àireamh dhaoine a tha a' cur làmh nam beatha fhèin anns an sgìre sin, tha Pàrtaidh Làbarach na h-Alba ag iarraidh làn rannsachadh poblach.

Slàinte

Thuirt Sir Lewis Ritchie, a bha os cionn sgrùdadh neo-eisimeileach air seirbheisean slàinte an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse, gum feum gach taobh gluasad air adhart a-niste le plana airson na sgìre. Chuir luchd-iomairt ann an ceann a tuath an eilein fàilte air molaidhean na sgioba aig Sir Lewis a thuirt gum feum cùram èiginneach 24 uairean gach là agus leapannan a ghlèidheadh aig Ospadal Phort Rìgh agus seirbheis charbad-eiridinn nas fheàrr a bhith anns an sgìre cuideachd.

Gaoth

Tha sreath de bhuidhnean coimhearsnachd air cùlaibh plana ùir airson tuath gaoithe mòr eile ann an Leòdhas. Tha iad air làrach a chomharrachadh air mòinteach Àirinis, meadhanach faisg air an sgeama mhòr a tha EDF Energy an dòchas a thogail an iar air Steòrnabhagh agus a tha air na h-uimhir de chonnspaid a thogail.

Seirbheisean Adhair

Tha dòchas ann gum faodadh ionad-iùil ùr nan seirbheisean adhair a bhith stèidhichte anns na h-Eileanan, a rèir companaidh nam port-adhair, HIAL, a choinnich ri riochdairean Comhairle nan Eilean Siar ann an Steòrnabhagh an-raoir. Dhearbh HIAL gum bi na seirbheisean iùil a' dol còmhla ann an aon àite agus gum bi cuideachd cìs airson parcadh a' tòiseachadh aig na puirt adhair anns a' cheann a tuath air an 1mh den Iuchar.