Fèis Leabhraichean Ulapuil

  • 9 An Cèitean 2018
Ulapuil Image copyright Richard Webb / Geograph

Tha Fèis Leabhraichean Ulapuil gus tilleadh is i gu bhith ann 'son an 14mh turas.

Am measg na tha sa phrògram am-bliadhna, tha tachartas a bheir sgrìobhadh ann an Gàidhlig agus Catalan ri chèile.

Nochdaidh an t-Urr. Iain D Urchadain, às na Hearadh, agus Teresa Solana, à Barcelona, còmhla aig an fhèis - a' leughadh bho na leabhraichean aca, agus an uairsin a' gabhail pàirt ann an deasbad mu dheidhinn a bhith a' sgrìobhadh ann am mion-chànain.

"Chan eil cothrom againn uabhasach tric an litreachas bho chànan eile a chluinntinn anns an dùthaich seo," thuirt Mark Wringe, a bhios anns a' chathair aig an tachartas.

"Tha an aon rud fìor mun Ghàidhlig. Tha mi a' smaoineachadh gun do shaoil iad gum biodh e glè mhath an dà rud a chur air an àrd-ùrlar.

"Bidh dà eadar-theangaire againn. Bidh eadar-theangachadh ann an Gàidhlig agus ann an Catalan," thuirt e.

Cuideachd aig an fhèis bidh Seumas Mac a' Mhuilleir a' bruidhinn mu dheidhinn an leabhair ùir aigesan mu shiubhal agus còmhdhail anns a' Ghàidhealtachd.

Air taobh ficsein, bidh an sgrìobhadair eucoir Denise Mina agus an t-ùghdar litreachail Bernard MacFhlaithbheartaich, cuide ri na bàird Dùghlas MacDhuinn agus Uilleam Letford.

Bidh an fhèis ann eadar Dihaoine an 11mh den Chèitean is Là na Sàbainn an 13mh den mhìos.

Gheibhear am prògram gu lèir an seo.