12,000 ticead parcaidh an Inbhir Nis

  • 7 An Cèitean 2018

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air £350,000 a thogail ann an càintean bho ghabh iad thairis uallach airson parcaidh bho chionn bliadhna gu leth.

Sheall figearan ùra gun robh maoir-thrafaig na Comhairle air 13,733 ticead a thoirt seachad eadar an Dàmhair 2016 agus deireadh a' Mhàirt am-bliadhna.

'S ann an Inbhir Nis fhèin a chaidh 12,000 dhiubh seo a thoirt seachad.

Chaidh 1,455 ticead a chur a-mach ann an Loch Abar agus 247 anns an Eilean Sgitheanach.

B' fheudar dhan Chomhairle cur às de chàintean luach còrr is £120,000 seach nach deach na ticeadan a chur a-mach mar a bu chòir.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile