EGM aig Stòras Uibhist

  • 7 An Cèitean 2018
Uibhist Image copyright Catherine Morgan/Geograph

Bidh Stòras Uibhist a' cumail Coinneimh Èiginn Shònraichte (EGM) a dh'aithghearr agus dragh air cuid sa choimhearsnachd mu dhòigh-riaghlaidh an uachdarain phoblaich.

Fhuair iad athchuinge Dihaoine le ainmean gu leòr airson EGM a chumail.

Tha cuid de bhuill Sealladh na Beinne Mòire (a' bhuidheann dham buin Stòras Uibhist) a' gearain nach eil iad a' faighinn fiosrachaidh gu leòr bho na stiùirichean mu leithid cùmhnant airson feamainn a thoirt far nan cladaichean agus staid ionmhas na companaidh.

"Nam inntinnn-sa tha fios am gu bheil feadhainn a bharrachd orm fhìn air a' bhord nach eil uabhasach toilichte mar a tha gnothaichean a' dol anns a' choimhearsnachd agus gun còrd e leotha beagan a bharrachd a dhèanamh," thuirt Ruairidh Mac'illeBhrath a tha am measg nam ball a thog dragh.

"Tha mise agus fear no dhà eile mì-thoilichte le cho beag 's a tha sinn a' faighinn de dh'fhiosrachadh.

"Cuideachd beagan de ghearain aig daoine mu chùmhnant a chaidh a-mach mu dheidhinn na feamad. Nach robh bruidhinn gu leor eadar a choimhearsnachd agus Stòras.

"Carson a bha na coinneamhan aig a' bhòrd-stiùiridh air a chur gu trì mìosan an àite a h-uile mìos seach mar a b' àbhaist?

"Ciamar a tha a' chompanaidh a' seasamh a thaobh airgid?

"Feumaidh EGM a bhith ann ann am mìos.

"Feumaidh sinn feitheamh a-niste gun cuir am bòrd-stiùiridh gnothaichean air dòigh airson 's gum bi an EGM a tha seo ann.

"Agus mar a tha na riaghailtean air an sgrìobhadh, feumaidh sinn sin a dhèanamh ann am mìos. Ceithir seachdainnean.

"Mar a tha mise a' cluinntinn anns na h-eileanan 's e rud a tha daoine ag iarraidh 's e gluasad air adhart.

"Tha iad airson 's gum bi iad a' faireachdainn gur ann leotha-san a tha an t-eilean agus gum bi barrachd fios aca air dè tha a' tachairt agus barrachd chothroman innse dhan bhòrd-stiùiridh dè tha iad airson fhaicinnn.

"Chan ann idir airson daoine a chur sìos a tha seo, ach airson 's gum bi barrachd cothruim aig a' choimhearsanchd gluasad air adhart," thuirt e.

Dhearbh àrd-oifigear Stòras Uibhist, Iain Paterson, gun d' fhuair iad an athchuinge agus fo na riaghailtean aca gum feum iad coinneamh shònraichte a chumail.