Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An Cèitean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Trump

Tha fear a th' air an sgioba-lagha aig Dòmhnall Trump an dèidh dhol an aghaidh na bha an ceann-suidhe fhèin ag ràdh mu bhith a' toirt sùim airgid do chleasaiche porn. Tha Mgr Trump air a bhith a' dol às àicheadh gun tug am fear-lagha aige ceud is deich thar fhichead mìle not dha Stormy Daniels.

Dementia

Thèid aithisg fhoillseachadh an-diugh mu dhroch dhìol an aghaidh còrr air ceud euslainteach le dementia ann an ceann a tuath na Cuimrigh. Shamhlaich càirdean de dh'euslaintich uàrd slàinte-inntinn Tawel Fan ri sutha - agus bha iad ag ràdh nach an luchd-obrach a' cumail sùil cheart air na h-euslaintich.

Cambridge Analytica

Thuirt oifis Choimiseanair Sgrùdaidh an Fhiosrachaidh gu lean iad orra leis an rannsachadh aca air Cambridge Analytica - ged a tha a' chompanaidh a' dol à bith. Tha dùil gun tèid iad banca-briste. Chaidh fhàgail orra bho chionn dà mhìos gun robh iad a' dèanamh mì-fheum dhan fhiosrachadh aig na milleannan de luchd-cleachdaidh Facebook. Tha a' chompanaidh fhèin ag ràdh nach do rinn iad càil ceàrr.

Hunterston B

Dhearbh an fheadhainn a tha a' ruith stèisean niùclasach Hunterston B gun deach grunnan sgàinidhean ùra a lorg ann am meadhan aon dhe na readhactaran. Bidh e dùinte gu deireadh na bliadhna fhad 's a tha rannsachadh a' dol. Thuirt EDF Energy gun robh fios aca gun robh trioblaid ann le sgàinidhean, ach gun robh iad air tachairt na bu luaithe na bhathar a' sùileachadh. Dh' fhaodadh Hunterston ann an Siorrachd Àir a Tuath a bhith fosgailte fad còig bliadhna eile.

Drogaichean

Tha ìmpidh ga chur air Riaghaltas Wesmister beachdachadh a-rithist air "fix rooms" far am faigheadh luchd-cleachdaidh heroin air an druga a ghabhail. Thug Holyrood cead dhan an sgeama, ach tha cead à Westmister a dhìth airson a chur an gnìomh. Tha am Ball Pàrlamaid Nàiseantach, Alison Thewliss, ag iarraidh air Rùnaire ùr na Dùthcha coimhead ris a' mholadh.

Cosgaisean-lìbhrigidh

Coinnichidh Ball Pàrlamaid Albannach sgìre Mhoireibh, Ridseard Lochhead, ris a' chompanaidh air-loidhne eBay an diugh a bhruidhinn air cosgaisean lìbhrigidh pharsailean. Tha eBay air dearbhadh gum faodadh cuid a bhios a reic tron an làraich aca a bhith air an casg - ma dh'iarras iad airgead a bharrachd airson rudan a chuir sa phost an dèidh do dhaoine an stuth aca a cheannach. Thuirt Ùghdarras nan Ìrean Sanasachd nach fhaodadh comapnaidhean a ràdh gu bheil cosgaisean-lìbhrigidh an asgaidh san Rìoghachd Aonaichte mura h-eil sin a gabhail a-steach an dùthaich air fad.