Tachartasan an Ìle a' cuimhneachadh air call nan Aimeireaganach

  • 3 An Cèitean 2018
Carragh-chuimhne
Image caption Carragh-chuimhne do na h-Aimeireaganaich air an Obha.

Bidh tachartasan mòr cuimhneachaidh ann an Ìle thairis air na beagan làithean a tha romhainn, a' comharrachadh call an Tuscania agus an Otranto far chladaichean an eilein bho chionn 100 bliadhna.

Chaill còrr air 200 duine am beatha nuair a chaidh an Tuscania a chur fodha le dà thorpedo bho bhàt-aigeann Ghearmailteach

Agus chaill còrr is 450 eile am beatha ann an tubaist an Otranto air an aon bhliadhna.

Aig an àm a bha sin bho chionn ceud bliadhna bha Ìle aig teis-mheadhan a' chogaidh aig muir.

Tha an t-eilean a-nis ga aithneachadh 'son na rinn iad gus dèiligeadh le dà thubaist mhòr le longan-cogaidh taobh a-staigh 8 mìosan.

Eadar an SS Tuscania anns a' Ghearran, agus an HMS Otranto san Dàmhair, chaill mu 700 fireannach am beatha sa bhliadhna mu dheireadh den chogadh.

Thèid an dà thachartas a chomharrachadh an t-seachdain seo.

Image caption Bha an SS Tuscania a' giùlain còrr is 2,000 saighdear nuair a chaidh a bhualadh le dà thorpedo faisg air Ìle

Bha an Tuscania air a togail mar long-seòlaidh do luchd-turais ach chaidh a h-atharrachadh 'son cuideachadh anns a' chogadh.

Ach bha bàta-aigeann Gearmailteach air a bhith a' leantainn a' chonbhaidh anns an robh i.

Loisg iad dà thorpedo oirre agus cha b' fhada gus an robh i air grunn na mara.

Bha an Tuscania a' giùlain faisg air 2,500 saighdear Aimeireaganach agus criutha Breatannach.

Chaidh cobhair a dhèanamh orra leis a' Chabhlachd Rìoghail agus chaidh mòran a shàbhaladh.

Ach cha robh cuid a bha air faighinn do na bàtaichean-sàbhalaidh cho fortanach.

Chaidh feadhainn dhiubh sin air sgeirean agus air creagan air an Obha.

Image caption Chaidh na saighdearan air sgeirean agus air creagan air an Obha.

B' e cùis mhòr a bha seo ris am b' fheudar dha muinntir an eilein dèiligeadh.

Ann an 1918 cha robh dealan ann an Ìle, cha robh seirbheis adhair stèidhichte agus 's e glè bheag de chàraichean a bha air an eilean.

Tha cuid air an suidheachadh a shamhlachadh ri tubaist adhair Locarbaidh neo 9/11 a' tachairt ann an coimhearsnachd bheag.

Lorg na h-oifigearan poilis air an eilean faisg air 200 corp, a chaidh an tìodhlaiceadh ann an Ìle.

Cha robh bratach Aimeireaganach aca 'son nan tìodhlacaidhean ach rinn buidheann bheag de dh'Ìlich bratach leis na bh' aca faisg air làimh, ag obair gu h-anmoch 'son crìoch a chur air.

Chaidh am bratach sin a chumail ann an Taigh-tasgaidh an Smithsonian ann an Washington, ach bidh sin a' tilleadh a dh'Ìle 'son nan tachartasan seo.

Image caption Rinn buidheann bheag de dh'Ìlich bratach leis na bh' aca faisg air làimh agus tha sin air a bhith ann an Taigh-tasgaidh an Smithsonian ann an Washington.

Ach cha robh fios aig muinntir Ìle gun robh tubaist tòrr na bu mhotha air fàire.

Coltach ris an Tuscania, bha an HMS Otranto a' giùlain shaighdearan Aimeireaganach thar a' chuain ann an conbhoidh.

Ach an turas seo, cha b' e ionnsaigh a dh'adhbhraich an call.

Bhuail droch shìde air a' chonbhoidh fhad 's a bha iad teannadh ri taobh siar na h-Alba.

Bha beagan troimh-chèile ann mu càite an robh na bàtaichean agus bhuail an HMS Kashmir anns an Otranto.

Chaidh toirt air a' chonbhoidh cumail orra air eagal 's gun toireadh bàtaichean-aigeann Gearmailteach ionnsaigh orra.

Ach a dh'aindeoin na droch shìde, rinn an long-cogaidh an HMS Mounsey cobhair orra.

Leum faisg air 600 saighdear air bòrd am Mounsey.

Ach bha na ceudan fhathast air an Otranto.

Chaidh am bàta a sguabadh le tonn mòr agus chaidh a bhriseadh às a cheile air na sgeirean

Image copyright US National Archives
Image caption Luchd-teasairginn a' dol tron spruilleach às dèidh tubaist an HMS Otranto

Cha d'ràining ach 21 fireannach tìr gu sàbhailte.

Ann an 1918, b' e tubaist an Otranto an call bu mhotha a dh'fhulaing feachdan Aimeireaganach bhon àm a' chogaidh shìobhalta.

Cha d' fhuaireas cuid den na cuirp a-riamh.

Chaidh a' chuid bu mhotha de na mairbh a thìodhlaiceadh ann an Ìle.

Agus chaidh an toirt air ais do na Stàitean Aonaichte às dèidh a' chogaidh.

Chan eil ach aona Aimeireaganach fhathast air a thìodhlaiceadh ann - am Pt Roy Muncaster, às dèidh iarrtas bhon teaghlach aige gun deadh fhàgail far an robh muinntir Ìle air a thìodhlaiceadh.

Image caption Chaidh carragh-chuimhne a thogail bliadhna às dèidh na tubaiste.

Bidh a' Bhana-phrionnsa Anna an ceann nan tachartasan ann an Ìle air Dihaoine 4mh den Cheitean airson 100 bliadhna a chomharrachadh bhon a thachair an dà thubaist.

Tha na tachartasan seo ag amas air urram a nochdadh dhan dà chuid, an fheadhainn a chaill am beatha, agus do mhuinntir Ìle 'son na rinn iad gus cuideachadh a thoirt dhan fheadhainn a bh' ann an èiginn bho chionn ceud bliadhna.