An MV Clansman a' tilleadh

  • 2 An Cèitean 2018
MV Clansman
Image caption Thàinig air CalMac pìos de dh'uidheamachd a' Chlansman a chur dhan Danmhairg airson càradh sònraichte.

Bidh bat'-aiseig a' Chlansman air ais ann an seirbheis feasgar Diciadain an dèidh obair-càraidh mhòir.

Thàinig air Caledonian Mac a' Bhriuthainn pìos de dh'uidheamachd a' Chlansman a chur dhan Danmhairg airson càradh sònraichte.

Cha do thill am bàta nuair a bha còir leis gun tug e na b'fhaide na bha dùil an siostam proipeilear aice a chàradh.

Dh'innis CalMac gum feumadh iad cuid de chlàran-ama sheirbheisean eile atharrachadh ri linn.

Thug seo buaidh air iomadach seòladh, agus dh'adhbhraich e mì-thoileachas ann an grunn choimhearsnachdan.

Bidh an Clansman a' seòladh eadar Ùig san Eilean Sgitheanach agus Loch nam Madadh aig leth-uair an dèidh seachd feasgar Diciadain.

Fàgaidh sin gun tèid bàt'-aiseig an Hebrides, a th' air an t-slighe sin an-dràsta, a-steach airson a càradh.

23mh dhen Chèitean

Thuirt stiùriche ChalMac gu bheil a h-uile duine aig a' chompanaidh ag obair gu cruaidh airson dèanamh cinnteach gum bi a h-uile bàt'-aiseig air ais ann an seirbheis ron an 23mh là den Chèitean.

Dh'innis Raibeart Drummond gur e clach-mhìle shònraichte a th'ann gu bheil an Clansman air a càradh.

Thuirt e nach eil bàt'-aiseig a bharrachd ri fhaotainn as t-samhradh ma bhios trioblaid theicnigeach ann agus seòladh agus seirbheis air a chomharrachadh dhan a h-uile bàta a th'aca.

Thèid obair-càraidh a bharrachd a dhèanamh air a' Chlansman san Òg-Mhìos.

Tha a' chompanaidh a' feuchainn ri planaichean a chur air dòigh gus nach toir e buaidh mhòr air luchd-siubhail.

Thèid fiosrachadh mu dheidhinn sin a sgaoileadh a-rithist.

Tuilleadh air an sgeulachd seo