"Bu chòir CalMac ainmeachadh ann am Bile nan Eilean"

  • 3 An Cèitean 2018
MV Finlaggan
Image caption Tha CalMac ag ràdh gu bheil iad a' dèanamh an dìcheill seirbheis cheart a chumail ri muinntir nan eilean

Tha Comataidh Phoileasaidh 's Stòrais Chomhairle nan Eilean Siar ag iarraidh gun deadh CalMac ainmeachadh ann am Bille nan Eilean.

Tha iad ag ràdh gun dèanadh sin CalMac cunntachail mura biodh iad a' toirt seachad seirbheis cheart, agus gum feumadh iad ceumanan a ghabhail airson seirbheis nas fheàrr a thoirt seachad.

Tha CMAL, leis a bheil na h-aiseagan, agus Dàibhidh Mac a' Bhriuthainn, leis a bheil CalMac, air an ainmeachadh anns a' Bhile, ach a-rèir a' chomhairliche Dòmhnall Crichton bu chòir CalMac fhèin ainmeachadh cuideachd.

"Tha sinn a' faicinn aig an àm seo gu bheil na seirbheisean a tha a' sinn a' faighinn bho ChalMac, nach eil iad cothromach aig an àm seo agus a' dol a-steach dhan t-samhradh cuideachd".

"Tha iad air cùmhnant ùr fhaighinn agus bu chòir dhaibh a bhith fo mheasadh air ciamar a tha iad a' cumail suas nan dleastanasan a th' orra airson an cùmhnant sin a thoirt seachad".

Mì-thoileachas

Dh'adhbhraich mar a thug obair air an MV Clansman na b' fhaide na bha dùil - agus mar a dh'fheumadh seirbheisean eile a bhith air an atharrachadh ri linn - mì-thoileachas ann an grunn choimhearsnachdan.

Thuirt Mgr Crichton gu bheil e deatamach gum biodh planaichean èiginneach aig CalMac airson dèiligeadh ri suidheachaidhean mar sin.

Thuirt labhraiche do ChalMac gur robh companaidh Dhàibhidh Mhic a' Bhriuthainn leis a bheil CalMac air ainmeachadh sa Bhile agus gu robh aca ri cumail ris a' chùmhnant ris an do dh'aontaich iad airson na seirbheisean a thoirt seachad le na soithichean a th' aca.

Thuirt e gu robh iad a' dèanamh nas urrainn dhaibh airson nan coimhearsnachdan leis a bheil iad ag obair - ach gu bheil cothromachadh ri dhèanamh aig amannan nuair a bhriseas bàtaichean sìos, leis nach eil bàtaichean a bharrachd aca.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile