Tagradh airson àitean-fuirich

  • 3 An Cèitean 2018
Fèis Cheiltean Innse Gall
Image caption Tha dùil ri na mìllean dhaoine ann an Leòdhas airson na fèise

Tha àitean-fuirich gan sireadh dhan fheadhainn a bhios a' frithealadh Fèis Cheilteach Innse Gall ann an Leòdhas as t-Samhradh.

Le 10 seachdainnean ri dhol chun na fèise, tha taighean-òsta, taighean leabaidh 's bracaist agus àitean a ghabhas bhànaichean-campachaidh làn mar-thà.

Thathas a-nis ag iarraidh air muinntir an eilein aoigheachd a thabhann air luchd-frithealaidh na fèise.

A thuilleadh air a bhith a' lorg àitean-fuirich dhan fheadhainn a thig chun na fèise, tha iad cuideachd a' lorg àitean, taobh a-muigh dhachannan, far am faod daoine na bhànaichean-campachaidh aca fhàgail.

Thuirt Ailean MacCoinnich bho VisitScotland gu bheil liosta-feitheimh aca mar-thà de dhaoine a tha a' lorg àite-fuirich.

'S e seo a' chiad turas, thuirt e, a b' fheudar dhaibh àitean-parcaidh iarraidh airson bhànaichean-campachaidh.

Bidh an fhèis ann eadar an 18mh agus an 21mh là den Iuchar.

Tha Deacon Blue, The Fratellis agus Skippinish a-measg nan còmhlan ris a bheil dùil am bliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile