windfarms
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Cruinn-ghaoithe nas àìrde?

1 An Cèitean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thog croitearan ann an Leòdhas dragh mu phlanaichean Lewis Wind Power muilnean gaoithe nas motha a chur air tuathan gaoithe Steòrnabhaigh agus Uiseinis air na Lochan.

Tha na croitearan ag ràdh gum bi na pròiseactan a' cur feum air barrachd rùim - neo megawatts - air a' chabal-mara a thathas airson a chur gu tìr-mòr - rùm a tha iad ag ràdh a th' air a chomharrachadh airson pròiseactan coimhearsnachd.

Thuirt Lewis Windpower gu bheil iad a' feuchainn ri na pròiseactan a dhèanamh cho èifeachdach 's a ghabhas gus am bi iad soirbheachail ann an rup CFD an riaghaltais an ath-bhliadhna.

Tha iad cuideachd ag ràdh gum bi cothrom gu leòr aig na coimhearsnachdan.

Seo Ruaraidh Rothach