Ionad stòr-dàta nam poileas ga stèidheachadh

  • 1 An Cèitean 2018
Oifigear poilis

Chaidh ionad stòr-dàta ùr a chuireas taic ri oifigearan poilis a stèidheachadh ann an Inbhir Nis.

Air a' cheann-thall bidh an t-ionad air a ruith à dà aite - à Inbhir Nis agus à Baile Ghobhainn ann an Glaschu.

Tha dùil gum bi an goireas ri fhaighinn do dh'oifigearan air feadh Alba ro dheireadh an t-Samhraidh.

Chaidh an t-ionad a stèidheachadh às dèidh mar a chaidh ionad-stiùiridh nam poileas ann an Inbhir Nis a dhùnadh nas tràithe air a' bhliadhna.

Tha an t-ionad ùr a' ciallachadh gun tèid 30 dreuchd làn-ùine a ghlèidheadh ann an Inbhir Nis.