Comhairle "a' cur luach" ann an saoranaich Eòrpach

  • 1 An Cèitean 2018
Brataich Image copyright Getty Images
Image caption Gheall a' Chomhairle a h-uile cuideachadh a thoirt seachad do shaoranaich Eòrpach a tha ag obair dhaibh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air sgrìobhadh gu saoranaich Eòrpach a tha ag obair dhaibh, 's còmhraidhean Bhrexit a' leantainn.

Thuirt a' Chomhairle gun robh iad mothachail gur e àm gu math mì-chinnteach a tha seo do dhaoine a bhuineas do dhùthchannan Eòrpach agus a tha a' fuireach, agus ag obair, air a' Ghàidhealtachd.

Thuirt Àrd-Oifigear na Comhairle, Steve Barron, gu bheil e ag obair còmhla ri Riaghaltas Bhreatainn agus Riaghaltas na h-Alba gus dèiligeadh ri Brexit agus a' bhuaidh a dh'fhaodadh e a thoirt air luchd-obrach air a' Ghàidhealtachd.

Tha a' Chomhairle a' cur luach anns an obair a tha iad a' dèanamh, thuirt e, agus tha spèis mhòr aca dhaibh.

Gheall e a h-uile cuideachadh a thoirt dhaibh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile