£5.2m de phrògraman ùra do BhBC ALBA

  • 27 An Giblean 2018
BBC ALBA

Tha aontaidhean eadar-nàiseanta a' ciallachadh gum bi prògraman ùra luach £5.2m ri fhaicinn air BBC ALBA.

Dh'innis an t-sianail gun do dh'aontaich iad ri bhith ag obair ann an co-bhonn le companaidhean sa Ghearmailt, an Danmhairg, Innis Tile, an Fhraing agus Canada.

"Tha sinn a' foillseachadh an-diugh gu bheil na companaidhean againn air a bhith a' treòireachadh slighe dhuinn a thaobh co-riochdachaidh eadar-nàiseanta," thuirt Stiùiriche Ro-Innleachd agus Co-Bhanntachd MG ALBA, Iseabail Nic an t-Sagairt.

"'S tha sin a' ciallachadh gu bheil an t-airgead a tha MG ALBA a' faighinn airson a bhith a' cur gu craoladh Gàidhlig, gu bheil sinn a' cleachdadh sin ann an dòigh airson prògraman a bharrachd fhaighinn airson an t-sianail.

"Agus mar sin dheth 's e deagh naidheachd a tha sin a thaobh luchd-coimhead, oir tha sinn a' faighinn phrògraman air an t-sianail nach biodh againn mura b' e gun robh sinn air na h-aontaidhean seo a dhèanamh 's a chur air dòigh.

"Ach cuideachd a thaobh nan companaidhean againn, gu bheil iadsan a' togail lìonraidhean agus cheangalan le companaidhean riochdachaidh air feadh an t-saoghail," thuirt i.

'S ann bho MG ALBA a thàinig 15% den t-suim a thèid a chosg air na prògraman ùra.

Bidh cuid de na prògraman ùra a' dol a-mach am-bliadhna, 's cuid eile an ath-bhliadhna.