Ceist mu thaic An Lanntair

  • 26 An Giblean 2018
An Lanntair

Thàinig rabhadh bho bhuill Comhairle nan Eilean Siar gum faodadh gun tèid an taic-airgid a tha an t-ùghdarras a' toirt dhan Lanntair a ghearradh.

Tha iad a' dol às àicheadh gu bheil gnothach aig seo ri connspaid a thaobh an ionaid ealain a bhith a' fosgladh Là na Sàbaid.

Tha An Lanntair air innse gun tòisich iad a' fosgladh gu cunbhalach seachd là san t-seachdain.

Bidh Comhairle nan Eilean Siar a' toirt taic £69,000 dhan Lanntair, is sin a' tarraing faisg air £700,000 ann an taic eile.

Tha ceist ann mun airgead a-nise.

Ged a thuirt comhairlichean nach robh ceangal eadar seo is co-dhùnadh an Lanntair fosgladh air an t-Sàbaid, chaidh dragh a thogail mun sin.

Thuirt an Comh. Aonghas MacCarmaig gun robh an Lanntair air ceum mòr a ghabhail gun a bhith a' dèanamh cinnteach gun robh taic an t-sluaigh aca.

Buidseatan

Ach chaidh e às àicheadh gun robh a' Chomhairle a' bagairt air An Lanntair.

"Tha e tàmailteach gum feum sinn, air sgàth bhuidseatan ìosail, a bhith a' coimhead air a h-uile roghainn a th' ann", thuirt Mgr MacCarmaig.

"Chan eil dòigh idir ann gum biodh sinn a' coimhead air aon bhuidhinn seach buidheann eile.

"Bhiodh e ciallach dha luchd-stiùiridh an Lanntair bruidhinn rinn mun t-slighe air adhart, mun bhuidseat againn is am buidseat acasan" thuirt e.

Dh'innis Àrd-Oifigear an Lanntair, Elly Fletcher, gun do sheall sgeama pìleat a rinn iad gun robh iarrtas ann airson an goireas a bhith fosgailte seachd là san t-seachdain.

Thuirt i gu bheil an Lanntair mothachail gu bheil cùisean doirbh do Chomhairle nan Eilean Siar a thaobh an airgid.

Thuirt i gum bi iad a' bruidhinn ri oifigich na Comhairle a h-uile seachdain, is gun lean iad orra le co-obrachadh leis an ùghdarras.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile