Taghadh Chupa MhicThàmhais

  • 26 An Giblean 2018
Cupa MhicThàmhais Image copyright Neil G Paterson

Chaidh an taghadh a dhèanamh airson nan iar-chuairtean deireannach de Chupa MhicThàmhais.

Rinneadh an taghadh aig dachaigh a' BhBC ann an Glaschu aig Pacific Quay.

Bidh Lòbhat an aghaidh Bhaile Ùir an t-Slèibh, an dà sgioba a bha sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd fhèin an-uiridh.

Sa gheama eile coinnichidh Ceann Loch Seile is Cabair Fèidh.

Bidh na geamaichean ann Disathairne an 19mh den Chèitean.

Bidh cuairt dheireannach Chupa MhicThàmhais beò air BBC Alba Disathairne an 16mh den Ògmhìos.

Thèid cuideachd cuairt dheireannach a' Chupa Cheiltich a chraoladh beò air BBC Alba Disathairne an 30mh den Ògmhìos.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile