An Taobh Siar sa chuairt dheireannaich

  • 26 An Giblean 2018
Ball

Chaidh an Taobh Siar air adhart dhan chuairt dheireannaich de Chupa ABC.

Rinn iad a' chùis air Athletic Steòrnabhaigh 2-1 oidhche Chiadain.

Ged a bha cothroman gu leòr aig an Taobh Siar sa chiad leth, thàinig na sgiobaidhean a-steach co-ionnan 0-0 is Murchadh MacÌomhair eadar na puist dha Aths a' cumail nan Siarach a-mach.

Teann

Chaidh an Taobh Siar air thoiseach tràth san dàrna leth ge-tà, le tadhal bho Mhàrtainn Shields.

Cha do ghèill sgioba Steòrnabhaigh is Connor MacÌomhair le tadhal bho bhreab-peanais gus an geama fhàgail aig 1-1.

Thàinig an tadhal a bhuannaich an geama le beagan is 10 mionaidean air fhàgail is Luke MacAoidh leis dhan Taobh Siar.

Bidh an Taobh Siar an aghaidh na Lochan sa chuairt dheireannaich is iadsan air a' chùis a dhèanamh air Nis 4-1 Diluain.

Bidh a' chuairt dheireannach sin ann Disathairne an 5mh den Chèitean aig Pàirc Chnoc nan Gobhar.

Droinneadh

Bha dà gheama eile ann am ball-coise eileanach oidhche Chiadain.

Ann an Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse rinn Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich an gnothach air a' Chaol 7-1.

Ann an Lìog Uibhist is Bharraigh b' e 3-1 a bh' ann dha Beinn nam Fadhla an aghaidh Uibhist a Tuath.