Luath dhùin loisgte ga lorg

  • 26 An Giblean 2018
Dealbh de Dhùn Deardail bhon adhair Image copyright Nevis Landscape Partnership
Image caption Chaidh Dùn Deardail a thogail bho chionn 2,500 bliadhna, agus tha an t-ainm a th' air ceangailte ri seann sgeulachd Dheirdre.

Tha arc-eòlaichean den bheachd gun do lorg iad luath bhon teine a rinn sgrios air Dùn Deardail ann an Gleann Nibheis.

Chaidh an dùn a thogail bho chionn mu 2,500 bliadhna air Sgorr Chaluim sa ghleann, a' coimhead a-mach air Uisge Nibheis.

Rinneadh sgrùdadh air fiodh-ghuail a chaidh a lorg anns a' mhòine mu thimcheall, agus fhuaireas fianais gun robh ceithir teintean ann.

'S e fear a thachair ann an 310 BC a thathas an dùil a sgrios an dùn.

Thathas an dùil gur e a' chiad teine den deach fianais a lorg, am fear a loisg na preasan a bh' air an làraich airson an dùn a thogail.

Cha robh uimhir de dh'fhiodh-ghuail ann bhon dà theine eile.

Thuirt na h-arc-eòlaichean gun robh an teine a sgrios an dùn air ceò mòr a chur a-mach os cionn na làraich, a' sgaoileadh luaithe agus fiodh-ghuail san adhair.

Tha ainm an dùin, Dùn Deardail, ga cheangail ri seann sgeulachd Dheirdre, a tha ag innse mu nighean chinn-feadhna a bha cho bòidheach 's gum biodh rìghrean, tighearnan agus armainn a' sabaid 's a' bàsachadh feuch a làmh phòsaidh a bhuannachadh.

Tha corra àite eile air Ghàidhealtachd air a bheil an t-ainm cuideachd.

'S e dùn leaghte a th' ann an Dùn Deardail, rud a tha a' ciallachadh gun deach a' chlach a bh' anns na ballachan, a bha le frèama fiodha, a leaghadh seach gun robh an teine a chaidh a chur ris an fhiodha cho teth.

Tha grunnan dhiubh ann an Alba.

'S e seo a' chiad uair a chaidh rannsachadh fiodh-ghual, a thuilleadh air rannsachadh poilein agus deatadh rèidio-chàrboin, a chleachdadh còmhla airson deat a chur air losgadh dùine leaghte.