Planaichean taigh-ghrùdaidh gam mìneachadh

  • 26 An Giblean 2018
An togalach mar a tha e an-dràsta

Tha an fheadhainn air cùl phlana airson togalach eachdraidheil a leasachadh ann am meadhan Inbhir Nis gu bhith a' mìneacheadh nam planaichean aca Diardaoin.

Cheannaich Taigh-Grùdaidh a' Chàirn Ghuirm seann taigh-fùirneis air Sràid na h-Acadamaidh airson taigh-seinnse le àite bìdh agus àitichean còmhnaidh gu h-àrd.

Tha an taigh-grùdaidh, còmhla ri Urras Catharra Inbhir Nis agus pròiseact dhìleib a' bhaile gus bruidhinn air na planaichean.

Tha ailtireachd shònraichte an togalaich a' ciallachadh gu bheil e clàraichte.

Tha e air a bhith bàn bho dhùin taigh-seinnse spòrs ann an 2014.

Ach tha eachdraidh an togalaich a' sìneadh air ais gu 1890 nuair a bha e mar phàirt de taigh-fùirneis Sràid an Ròsaich.

'S ann na bhroinn a chaidh innealan tàthaidh a dhèanamh airson pìoban connaidh a chaidh a chur fo Chaolas na Frainge aig am an Dàrna Cogaidh.

Tha Taigh-Grùdaidh a' Chàirn Ghuirm airson taigh-seinnse agus àite bìdh a dhèanamh ann agus an grùdadh fhèin a leantainn bhon ionad aca anns an Aghaidh Mhòir.