Ceistean mu phlana taigh-spadaidh

  • 24 An Giblean 2018
Bò

Chaidh iarraidh air Comhairle nan Eilean Siar feuchainn ri dòighean eile a lorg gus Taigh-Spadaidh Steòrnabhaigh a dhèanamh nas èifeachdaiche, seach a bhith ag iarraidh na prìsean a chur suas a-mhàin.

'S iad an t-ùghdarras ionadail a tha a' stiùireadh a' ghoireis.

Tha oifigich na Comhairle ag ràdh gu bheil na cosgaisean a tha a' tighinn air an ùghdarras co-cheangailte ris an taigh-spadaidh a' dol suas.

'S e tha iad a' moladh ach na prìsean a chur suas.

Thuirt Cathraiche Comann Chaorach Leòdhais 's na Hearadh, Niall MacLeòid, gur e buille a bhiodh an sin dha luchd-cleachdaidh an taighe-spadaidh.

"Tha an taigh-spadaidh math is na daoine a tha ag obair ann, tha iad math", thuirt Mgr MacLeòid.

Dragh

"Chanainn a' phrìs a bha sinn a' pàigheadh, bha sin a' dèanamh a' chùis, ach a' dol an-àirde? Chan eil e gu bhith furasta idir", thuirt e.

Dh'iarr Mgr MacLeòid air Comhairle nan Eilean Siar coimhead ri dòighean eile gus an goireas a dhèanamh nas èifeachdaiche, an àite na prìsean a chur suas.

Thuirt e gum bu chòir dhaibh meòrachadh am measg eile air an taigh-spadaidh fhosgladh barrachd tron bhliadhna, seach dìreach eadar an t-Sultain agus an Dùbhlachd.

Thog e dragh mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith ann ma thèid prìsean suas is gun cuir daoine cùl ris an taigh-spadaidh.

Thuirt e gum faodadh ceistean slàinte a bhith ann ma bhios barrachd is barrachd dhaoine a' marbhadh bheathaicean air an fhearann aca fhèin.

Beachdaichidh comhairlichean air a' chùis Diciadain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile