£2.5m 'son Faclair na Gàidhlig

  • 24 An Giblean 2018
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Agallamh leis an Ollamh Boyd Robasdan.

Chaidh fàilte air an naidheachd gun cuir Riaghaltas na h-Alba £2.5m ri pròiseict Faclair na Gàidhlig.

Tha a' phròiseict seo ag amas air faclair ùr a chruthachadh a nì làn-iomradh air a' Ghàidhlig agus a h-eachdraidh le bhith a' lorg freumh gach facail bhon riochd sgrìobhte a bu thràithe chun an là an-diugh.

'S e co-bhanntachd a th' anns a' phròiseict eadar Oilthighean Obar Dheathain, Dhùn Èideann, Ghlaschu, Shrath Chluaidh is Sabhal Mòr Ostaig.

Tha Bòrd na Gàidhlig cuideachd a' cur taic ris a' phròiseict.

Bunait

Dh'innis Rùnaire an Fhoghlaim, Iain Swinney, gu bheil e cho cudromach 's a ghabhas gum bi goireas den leithid ann 'son na Gàidhlig, is gur e bunait a bhios ann 'son fàs na cànain.

Thuirt Comhairle Mhaoineachaidh na h-Alba gur e goireas a tha seo a bhios gu feum 'son ghinealaichean.

'S e seo an dàrna turas a tha iad air taic a chur ris a' phròiseict is iad air £2m a thoirt seachad ann an 2013.

Thuirt an t-Oll. Boyd Robasdan, a tha os cionn buidheann-stiùiridh na pròiseict, gu bheil an t-airgead ùr seo "fìor chudromach".

Mhìnich e gun deach na h-uimhir a dhèanamh mar thà.

Stòras

"Anns a' chòig bliadhna mu dheireadh bhathar a' dèanamh obair-ullachaidh airson faclair a stèidheachadh", thuirt an t-Oll. Robasdan.

"Chaidh a' mhòr-chuid den obair sin air adhart aig Oilthigh Ghlaschu ann am pròiseict DASG - no Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig - agus 's ann mu dheidhinn a bhith a' cruthachadh corpas airson na Gàidhlig a tha sin, agus 's e corpas mòr iongantach a tha sin anns am bi 30m facal, agus 's e an corpas as motha airson mion-chànan sam bith anns an Roinn Eòrpa.

Bheir e treis fhathast gus am bi am faclair ùr deiseil, ge-tà.

Thuirt an t-Oll. Robasdan gun toir e co-dhìu 25 bliadhna am faclair a thoirt gu buil.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile