"Chan e rud poileataigeach a tha sa Ghàidhlig"

  • 24 An Giblean 2018
Seòmar na Pàrlamaid Image copyright Paul Buckingham/Geograph

Cleachdaidh am BPA Ceit Fhoirbheis òraid ann am Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt airson argamaid a dhèanamh nach eil còir aig a' Ghàidhlig a bhith na cùis phoilitigich.

Bidh i a' bruidhinn is Plana Nàiseanta na Gàidhlig ga dheasbad sa Phàrlamaid Dimàirt.

Thuirt i gun d' fhuair i tòrr chàineadh an dèidh na h-òraid mu dheireadh a rinn i sa Ghàidhlig aig Holyrood, agus feadhainn a' fàgail oirre gun robh i ri Nàiseantachd le bhith a' bruidhinn a' chànain.

"Às dèidh na h-òraid mu dheireadh a rinn mi sa Phàrlamaid bha e uabhasach neònach gun d' fhuair mi tòrr theachdaireachdan ag ràdh gun robh mi a' cur taic ris a' Ghàidhlig air sgàth 's gur e ball den Phàrtaidh Nàiseanta a bh' annam," thuirt a' Bh-Ph. Fhoirbeis.

"Agus bha tòrr dhaoine a' dol an aghaidh na thuirt mi air sgàth 's gun robh iadsan a' cur taic ri pàrtaidh eile, no rudeigin eile poileataigeach.

Cànan

"Is tha mise a' feuchainn ri ràdh nach e rud poileataigeach a th' anns a' Ghàidhlig.

"Sin an t-adhbhar a bha e cho math gun robh cuideigin bhon Phàrtaidh Thòraidheach agus cuideachd cuideigin bhon Phàrtaidh Làbarach a' bruidhinn san deasbad sin cuideachd.

"Tha e gu math cunnartach nam bheachdsa nuair a tha cànan poileataigeach.

"'S e dìreach cànan a th' ann. 'S e dìreach dòigh a th' ann daoine a bhith a' bruidhinn ri chèile, agus chan e rudeigin poileataigeach.

"'S e an t-adhbhar a rinn mi an òraid mu dheireadh anns a' Ghàidhlig, gun robh mi a' feuchainn ri shealltainn nach robh mi dìreach airson a bhith a' bruidhinn mun Ghàidhlig, ach bha mi airson a bhith a' cleachdadh na Gàidhlig.

"Agus sin cuideachd an t-adhbhar a bha mi cho taingeil gun robh Buill-Phàrlamaid eile a' bruidhinn san deasbad bho na pàrtaidhean eile.

"Iongadh"

"Tha e ceart gu bheil e caran neònach cuideigin anns a' Phàrlamaid a bhith ag ràdh nach e rud poileataigeach a th' ann.

"Ach air a' cheann thall, bha iongnadh orm gu mòr leis na teachdaireachdan a fhuair mi an turas mu dheireadh air na meadhanan sòisealta agus cuideachd anns na puist-d agam, le daoine ag ràdh rudan a bha gu math mì-chofhurtail mu dheidhinn adhbharan a bha mi a' cleachdadh na Gàidhlig airson 's gun robh mi a' feuchainn ri sgaradh a dhèanamh.

"Chan eil sin ceart idir.

"Mar sin tha mi airson sealltainn nach e rud poileataigeach a th' ann.

"Agus bidh fios aig a' mhòr-chuid de dhaoine air Ghàidhealtachd, ach 's dòcha ann an àiteachan eile, bailtean eile an Alba, chan eil daoine a' cleachdadh Gàidhlig gach là.

"Agus mar sin tha cunnart ann gu bheil iad a' faicinn mise a' bruidhinn sa Ghàidhlig 's a' smaointinn gu bheil mi a' cleachdadh na Gàidhlig airson 's gur e ball den Phàrtaidh Nàiseanta a th' annam," thuirt i.

Connspaid

Thuirt am BPA Fhoirbeis cuideachd gu bheil i a' cur taic mhòir ri Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh, a dh'fhosgail an t-seachdain seo chaidh.

Bha connspaid ann is fear de chomhairlichean an Eilein Sgitheanaich, Iain Fionnlasdan, ag ràdh gun robh an sgoil ùr air sgaradh a dhèanamh sa choimhearsnachd.

Dh'innis am BPA Fhoirbeis nach robh i a' tuigsinn na dòigh smaoineachaidh sin.

Thuirt i gu bheil còirichean nan Gàidheal a cheart cho cudromach ri còirichean muinntir na Beurla, is nach e rud a th' anns a' Ghàidhlig a tha a' dèanamh sgaraidh.