Prìsean suas aig Taigh-Spadaidh Steòrnabhaigh?

  • 23 An Giblean 2018
Caora agus uain

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' beachdachadh air prìsean a chur suas aig Taigh-Spadaidh Steòrnabhaigh.

Tha grunn bhliadhnaichean ann bho ghabh an t-ùghdarras ionadail smachd air a' ghoireas.

Bidh e fosgailte eadar t-Sultain agus an Dùbhlachd.

Tha na h-àireamhan air a dhol sìos san deich bliadhna a chaidh seachad a thaobh chruidh is chaorach, ged a tha àireamh nam muc air a dhol suas.

Cosgaisean

Tha oifigearan Comhairle nan Eilean Siar a-nise ag ràdh gu bheil na cosgaisean a tha a' tighinn air an ùghdarras 'son an goireas a ruith ag èirigh.

'S e a tha iad a' moladh ach gum bu chòir iarraidh air daoine barrachd a phàigheadh airson an taigh-spadaidh a chleachdadh.

An-uiridh, chosg e timcheall air £21 'son caora no uan a mharbhadh is £6 'son a ghearradh.

Tha na h-oifigearan a' moladh na prìsean ud a chur suas gu £25 is £7.

Tha àrdachadh nas motha san amharc aca a thaobh chruidh, bho £46 gu còrr is £100.

A thaobh nam muc, rachadh a' phrìs suas bho timcheall air £40 gu £46.

Call

A rèir nan oifigearan, tha cunnart ann gun caill a' Chomhairle airgead mura tèid na prìsean suas.

Beachdaichidh comhairlichean air a' ghnothach Diciadain, is coinneamh eile gus a bhith ann an ath-mhìos le feadhainn a tha a' cleachdadh an taigh-spadaidh.

Gheibhear beachd an uairsin air ciamar a tha daoine a' faireachdainn mu na molaidhean, is ceist ann am bi uimhir 'son an taigh-spadaidh a chleachdadh ma thèid na prìsean suas.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile